"Tha sinn a' fàs sgìth" - muinntir Àird Ghobhar uair eile gun sheirbheis aiseig cheart

Tha Màiri Anna NicUalraig ag ràdh nach eil iad "a' faighinn seirbheis choileanta"
- Air fhoillseachadh
Tha gearanan aig daoine a tha a' fuireach an Àird Ghobhar gu bheil iad a' fulang leis nach eil seirbheis aiseig aca ach do luchd-coise a-mhàin.
Tha am MV Maid of Glencoul, am dàrna bàta air an t-slighe thar na Linne Duibhe aig a' Chorran, briste agus feumach air càradh.
Tha am prìomh bhàta, an MV Corran, mar-tha san doc.
Tha seo a' fàgail gum feum daoine ann an carbadan siubhal na mìltean mòra nas fhaide airson faighinn ann.
Tha e na bhriseadh-dùil don fheadhainn a bha an dòchas deagh chosnadh a dhèanamh bho àm na Nollaige agus na Bliadhna Ùire.

Chan urrainn ach luchd-coise siubhal air am Maid of Glencoull an-dràsta
Nam measg tha Màiri Anna NicUalraig, a tha ag ràdh gun robh dùil aca gun tachradh seo.
"Tha luchd-turais agamsa ri tighinn bho mheadhan Shasainn a-nochd fhathast agus feumaidh iad cha mhòr 50 mìle a bharrachd a chur air a' chuairt aca airson ceann-uidhe a ruigheachd," mhìnich i.
Tha beachd ann nach eil am Maid of Glencoul, a tha còrr is 50 bliadhna de dh'aois, freagarrach airson na tha de thrafaig air an t-slighe ghoirid agus na dh'fheumas i de sheòlaidhean a dhèanamh gach là.
Thuirt Màiri Anna NicUalraig: "Tha sinn a' fàs sgith. Tha sinn ag iarraidh a' bhàta mhòr air ais, An Corran, a chaidh a thogail a dh'aona-ghnothaich."
Tha An Corran shìos aig deas agus càradh bhliadhnail ga dheanamh oirre.
"Tha i air a bhith air falbh fad mhìosan gun cheann-là cinnteach dhi tilleadh," thuirt Màiri Anna.
"Chan eil sinn a' faighinn seirbheis choileanta."
MV Corran ga càradh
- Air fhoillseachadh27 An Dàmhair 2025
Dàil às ùr air "an Old Maid"
- Air fhoillseachadh1 An t-Sultain 2025
Tha Comhairle na Gàidhealtachd air gealltainn gun dèan iad obair air na cidheachan air gach ceann den chaolas airson na bàtaichean dealain a bhios air an t-slighe fhathast.
Ge-tà, tha dragh ann nach tòisich an obair sin gu an t-earrach agus nach deach na bàtaichean a choimiseanadh fhathast.
Thuirt Màiri Anna: "Faodaidh tu tilleadh thugam ann an 2029 agus tha mi glè chinnteach gur e an aon chòmhradh a bhios againn."
Dh'iarr Comhairle na Gaidhealtachd an leisgeul a ghabhail airson an t-suidheachaidh agus thuirt iad gu bheil iad a' cur cabhaig air càradh an MV Corran agus ris a' phròiseas airson laimrigean agus bata-aiseig ùr dhan Chorran.