Dithis fo chasaid an dèidh iomairt an aghaidh sealg a' ghuga

An dithis ann an èideadh Sùlaire air mullach Taigh a' Ghlinne Mhòir
  • Air fhoillseachadh

Chaidh dithis fhear a chur fo chasaid an dèidh dhaibh fianais a thogail air mullach togalach NàdarAlba ann an Inbhir Nis an aghaidh sealg a' ghuga.

Chaidh an dithis, aois 58 agus 45, a bh' air an sgeadachadh mar shùlairean, gu mullach Taigh a' Ghlinne Mhòir ann an uairean beaga na maidne Dihaoine.

Thuirt na poilis gun deach an toirt a-nuas agus a chur ann an grèim an dèidh iomairt le grunn bhuidhnean feasgar na Sàbaid.

Tha luchd-iomairt air a bhith ag iarraidh air NàdarAlba sgur a thoirt cead don t-seilg thraidiseanta air Sùlaisgeir, tuath air Nis ann an Leòdhas, sam faod sgioba à Nis àireamh shònraichte de ghugannan - sùlairean òga - a mharbhadh airson biadh.

Thuirt labhraiche às leth Phoileas Alba: "Mu 4:45f Là na Sàbaid an 22na là den Mhàrt, chaidh dithis fhear aois 58 agus 45 a thoirt a-nuas far mhullach togalaich ann an sgìre Rathad na Leacainn ann an Inbhir Nis.

"Chaidh an uair sin an cur an grèim, 's a chur fo chasaid an co-cheangal ris an tachartas agus chaidh an saoradh air urras fo ghealltanas nochdadh sa chùirt fhathast."