Dùthaich Bhòidheach is Iomain Mhòr sa Phrìomh Lìog

Sgioba ainmeil Comhghall Ghlaschu san 19mh linn
- Air fhoillseachadh
Dùthaich Bhòidheach - Iomain Mhòr: sin a ghabh Somhairle MacIlleathain air Comhghall agus dualchas camanachd prìseil sgìre a bha am measg fìor chreithlean na h-iomain nuair a chaidh cruth foirmeil air an spòrs an toiseach.
Nuair a chuireas Caol Bhòid fàilte air na nàbaidhean aca Caol-Gleann Disathairne, fosglaidh caibideil ùr sònraichte ann an seann stòiridh chliùiteach.
Chan e a-mhàin a' chiad gheama eadar na sgiobaidhean sa Phrìomh Lìog - ach a' chiad turas a-riamh aig dà sgioba à Comhghall a bhith an aghaidh a chèile san fharpais.
Mu dheireadh thall.
Coma leat Baile Ùr an t-Slèibh no Ceann a' Ghiùthsaich nuair a bha sgioba iomraiteach Comhghall Ghlaschu gu ìre nan tùsairean is nam miseanaraidhean ann am fàs na camanachd san 19mh linn.

Ailig MacEalair, duine a thug buaidh fìor mhòr air an iomain is fear de mhuinntir Chomhghaill
Chaidh an stèidheachadh ann an 1876 nuair a bha Tìm an Òbain ag aithris gun robh clubaichean iomain "springing up like mushrooms".
'S e fear Ailig MacEalair à Taigh na Bruaich a' chiad sgiobair is e bunaiteach a thaobh na stoidhle cluich a bh' aca fhèin is cuid eile mu dheas, stoidhle le fòcas air am ball a chumail is a ghluasad eadar cluicheadairean.
Bha na "prionnsabalan saidheansail" seo ùr dha gu leòr, agus ann am beachd cuid de sgoilearan, bha iad cuideachd air sgaoileadh is air buaidh a thoirt air ball-coise tro sgiobaidhean leithid Vale of Leven is Renton, a bhiodh a' cluich an dà spòrs.

'S iad Caol Bhòid an sgioba as làidire a tha air tighinn à Comhghall thar nam bliadhnaichean. Seo iad le Cupa na Camanachd ann an 1922
Le MacEalair aig an stiùir, bha Comhghall Ghlaschu am measg chlubaichean mu dheas a stèidhich a' chiad chomann camanachd ann an 1877.
Bhuannaich iad a' chiad chluich de Chupa Comann Ceilteach Ghlaschu ann an 1879 ann an linn nuair a bha e cha mhòr do-dhèanta do dhuine an gnothach a dhèanamh orra.
Bha iad fhathast aig àrd-ìre nuair a shiubhail iad gu tuath ann an 1893 - MacEalair a-nise mar cheann-suidhe - airson geama ainmeil an aghaidh Chinn a' Ghiùthsaich, farpais mhòr eadar tuath is deas gus dearbhadh cò a b' fheàrr san spòrs.
"Great interest is being attached to this match, as both clubs are powerful exponents of the game, and the result of their meeting will be eagerly awaited by all shinty enthusiasts," thuirt Tìm an Òbain.
Nuair a chaidh nàimhdean nimheil Bhàideanach còmhla
- Air fhoillseachadh17 An t-Sultain 2025
Chaidh an Northern Chronicle fiù 's nas fhaide: "Perhaps never in the annals of shinty playing in Badenoch was such widespread interest manifested in a contest."
'S iad sgioba MhicEalair a rinn a' chùis 1-0 is cathraiche Chinn a' Ghiùthsaich ag ràdh gur e an geama iomain a b' fheàrr a chaidh a chluich aig tuath a-riamh.
Gàirdeachas am measg nan deasach ma-tha, is briseadh-cridhe dhan a h-uile duine aig tuath.
Uill, cha mhòr a h-uile duine aig tuath: "The result of the Cowal's victory was received with the utmost satisfaction in Newtonmore, as was evidenced when the train containing the Glasgow players passed by a huge bonfire blazing, and cheer upon cheer was raised for the Cowal club."
Tha cuid de rudan nach atharraich a chaoidh.

A' chiad bhliadhna fhosgailte de Chupa na Camanachd ann an 1983 is dà sgioba à Comhghall sa chuairt dheireannaich
Bha geama 1893 na cheum cudromach a dh'ionnsaigh buidheann comanachd dha-rìribh nàiseanta a chur air chois, rud a thàinig gu buil le stèidheachadh Chomann na Camanachd ro dheireadh na bliadhna.
Ann an 1896 thòisich Cupa na Camanachd fhèin le cò eile sa chiad chuairt dheireannaich ach Comhghall Ghlaschu is Ceann a' Ghiùthsaich.
Bha sgioba Bhàideanach air an leasan aca ionnsachadh is iad a' tighinn am bàrr 2-0.
Ged a thuiteadh Comhghall Ghlaschu air falbh às dèidh 1896, chaidh cliù na sgìre a chumail suas le sgioba ùr a bha air an stèidheachadh san dearbh bhliadhna ann am baile àraich Ailig MhicEalair.
21 turas bhon uairsin tha Caol Bhòid air Cupa na Camanachd a thogail, a thuilleadh air a' Chupa Cheilteach 35 turas is Cupa MhicAmhlaidh 12 turas.
'S dòcha gur e gu ìre an soirbheachas ud a bu choireach nach robh - gu seo - dà sgioba à sgìre le dualchas iomain cho làidir còmhla sa Phrìomh Lìog - a thuilleadh air trioblaidean nas bunaitiche a thaobh sluagh a ghlèidheadh.
'Laoich chalma' Shrath Chura gus tilleadh dhan phàirce
- Air fhoillseachadh4 Am Màrt 2022
'Aiseirigh' Shrath Chura-Dùn Omhain gus leantainn
- Air fhoillseachadh27 An Dùbhlachd 2022
Caol-Gleann sa Phrìomh Lìog
- Air fhoillseachadh12 An Dàmhair 2025
Eu-coltach ri Bàideanach far an robh dà sgioba an-còmhnaidh a' farpais an aghaidh a chèile is a' dràibheadh càch a chèile air adhart, chan fhaigheadh sgioba eile ann an Comhghall faisg air fuamhairean Thaigh na Bruaich.
Tha Inbhir Aora an ìre mhath faisg, ceart gu leòr, ach taobh a-muigh chrìochan Chomhghaill mar a tha sinn eòlach orra an-diugh.
'S e sin a dh'fhàg gun do bhuannaich cluicheadairean gu leòr à aitichean mar Ghleann Dà Ruadhail, Caol an t-Snàimh is Srath Chura (agus tarsainn an uisge an Eilean Bhòid) buinn, ach le lèintean Chaoil Bhòid air an druim.
Chan eil sin ag ràdh nach robh amannan ann nuair a dh'èirich dàrna sgioba à Comhghall suas.
Nochd moladh 'son prìomh lìog nàiseanta ann an Leabhar Bliadhnail na Camanachd cho fada air ais ri 1977, nuair a bhiodh an dà chuid Caol Bhòid is Srath Chura air ballrachd fhaighinn am measg nan ochd sgiobaidhean a b'fheàrr san dùthaich.
San dearbh iris bha duais ann do Chaol-Gleann airson na bha iadsan air dèanamh aig ìre nas ìsle is ann an suidheachadh dùbhlanach gus camanachd a leasachadh.

Caol Bhòid is Srath Chura a' strì sa chuairt dheireannaich aig Pàirc a' Chlaiginn ann an 1983
Ann an 1983 - agus 90 bliadhna bho bhuaidh Chomhghall Ghlaschu ann an Ceann a' Ghiùthsaich - chualas mac talla MhicEalair nuair a ràinig Caol Bhòid is Srath Chura a' chiad chuairt dheireannach fhosgailte de Chupa na Camanachd.
Theab gun deach an ceòl air feadh na fìdhle buileach nuair a bha Srath Chura air thoiseach 2-1 anns na mionaidean mu dheireadh, mus an do chaill iad 3-2 air a' cheann thall.
"Chan e a-mhàin gur e cuairt dheireannach eadar dà sgioba bho dheas a bh' ann," dh'innis fear de laoich Shrath Chura, Cailean Camshron nach maireann, dha BBC Naidheachdan bho chionn beagan bhliadhnaichean, "ach cuairt dheireannach eadar dà sgioba às Earra-Ghàidheal. Is a thuilleadh air an sin, dà sgioba à Comhghall.
"Chan eil mi a' smaointinn gun tachair sin a chaoidh tuilleadh," thuirt Cailean.

Bha aithne air àite sònraichte Chomghaill san iomain ann an 1993 nuair a ràinig Comann na Camanachd 100 bliadhna is Comhghall Ghlaschu air an ath-stèidheachadh 'son ath chluich de gheama 1893. An turas seo 's iad Ceann a' Ghiùthsaich a thàinig am bàrr.
Cha robh sgioba idir à Comhghall ann ge-tà, nuair a thàinig Prìomh Lìog na h-iomain gu buil mu dheireadh thall ann an 1995/96.
Bha Srath Chura air a dhol air ais is Caol Bhòid air co-dhùnadh gun cluich ann idir mar dhòigh air sealltainn cho fada an aghaidh an t-stuctair ùir nàiseanta 's a bha iad.
Na dèideagan air ais sa phrama, chaidh iad suas ann an 1997 is bha iad anns a' Phrìomh Lìog cha mhòr gu cunbhalach bhon uairsin, mar as trice suas faisg air a' mhullach.
Cha robh coltas no dùil aig duine gum biodh nàbaidh às an sgìre aca san lìog as àirde còmhla riutha.

Caol-Gleann ann an Cill Taraglain air thoiseach air a' chiad sheusan aca sa Phrìomh Lìog
Cha robh fiù 's, dh'aidich manaidsear Chaol-Gleann air thoiseach air an t-seusan ùr, dùil aca fhèin ris.
Tha mar a tha an sgioba à Gleann Dà Ruadhail is Caol an t-Snàimh air èirigh tro na lìogan anns na bliadhnaichean mu dheireadh gun teagamh am measg nan sgeulachdan as iongantaiche san spòrs 'son ùine.
Bu chòir gun toir e togail, dòchas is brosnachadh dha gu leòr eile aig ìrean nas ìsle.
'S e mearachd a bhiodh ann ge-ta, a bhith a' co-dhùnadh gu bheil seo uile a' ciallachadh gu bheil linn ùr de shoirbheachas Chomhghaill romhainn.
Bha Caol-Gleann mothachail iad fhèin gu bheil dùbhlan mòr rompha fiù 's mus do chaill iad a' chiad gheama aca sa Phrìomh Lìog 3-0 an aghaidh Chinn Loch Seile an t-seachdain sa chaidh.
Srath Chura-Dùn Omhain is Caol-Gleann a' dol còmhla
- Air fhoillseachadh13 Am Faoilleach
Roddy Dòmhnallach a' sguir a chluich
- Air fhoillseachadh26 Am Faoilleach
Caol-Gleann air bhioran mu chothrom air a' Phrìomh Lìog
- Air fhoillseachadhBho chionn 6 làithean
Chan e gun d' fhuair iad an Lìog Nàiseanta fhèin furasta an-uiridh is iad a' call còig geamaichean à ceithir deug, rud nach cuireadh, mar as trice sgioba suas dhan Phrìomh Lìog.
Bidh aca ri ionnsachadh gu sgiobalta ma tha iad gus a bhith buan aig àrd-ìre.
Tha leasachadh ùr eile aig a' chluba is dàrna sgioba a-nise aca.
'S e comharra a th' ann air na dùbhlain aig iomain gu h-ionadail gur e an sgioba ud Srath Chura-Dùn Omhain: dà chluba a bha mar-tha air a dhol còmhla air sgàth gainnead chluicheadairean, is tha a-nise a' tighinn fo sgiath Chaol-Gleann.
'S e an dòchas gur e modail a tha seo a bheir seasmhachd dha na clubaichean uile is a chruthaicheas slighe dhan ìre as àirde do dh'òigridh às gach àite.

Roddy Dòmhnallach is Grant Irvine, dithis de na seòid san sgioba shònraichte aig Caol Bhòid a tha a-nise air briseadh suas
Beagan mhìltean sìos an rathad ann an Taigh na Bruaich, tha coltas ann gu bheil Caol Bhòid iad fhèin ann an suidheachadh car dùbhlanach.
Tha an ginealach òir a thug sreath de dhuaisean mòra air ais dhan bhaile san 20 bliadhna mu dheireadh air deireadh na slighe a ruighinn is ceistean ann an urrainn dhan chluba fuireach aig àrd-ìre fhad 's a tha iad a' feuchainn ri sgioba ùr a thogail 'son a dhol an àite nan seòd.
Thòisich iad an seusan ùr gu dona le call 4-0 ann an Drochaid an Aonachain - geama san deach Will Cowie a ghoirteachadh.
Chuir sin ris a' bheachd a th' aig cuid gur dòcha gu bheil an cearcall air a dhol mun cuairt is gu bheil an t-àm aig Caol Bhòid sa Phrìomh Lìog gus tighinn gu ceann, agus gu dearbh, gur iad fhèin is Caol-Gleann as coltaiche tuiteam a-mach às an lìog còmhla aig deireadh an t-seusain.
Chì sinn. Disathairne co-dhiù, bidh sùilean air Taigh na Bruaich is dà sgioba à sgìre iomain iomraiteach Chomhghaill mu dheireadh thall a' coinneachadh sa Phrìomh Lìog.
Iomain mhòr beò fhathast ann an dùthaich bhòidheach MhicEalair.