Nuair a chaidh nàimhdean nimheil Bhàideanach còmhla

Ceann a' Ghiùthsaich ann an 1928
Fo-thiotal an deilbh,

Sgioba Chinn a' Ghiùthsaich ann an 1928, ged a bha an dàrna leth de na cluicheadairean à Baile Ùr an t-Slèibh

LeDòmhnall Pollock
BBC Naidheachdan
  • Air fhoillseachadh

Canaidh fuamhairean iomain Bhàideanach nach do dh'fhàs iad sgìth a-riamh de bhuannachadh.

Tha Baile Ùr an t-Slèibh is Ceann a' Ghiùthsaich air Cupa na Camanachd a bhuannachadh 60 turas eatorra gu seo, is thèid an duais ainmeil air ais dhan sgìre a-rithist oidhche Shathairne is na seann nàimhdean gus cluich sa chuairt dheireannaich aig Pàirc a' Bhucht.

Bho chionn cha mhòr 100 bliadhna ge-tà, dh'fhàg saoghal iomain gu math eadar-dhealaichte gun do thachair rud air nach eil muinntir Bhàideanach tric a' bruidhinn, rud gu ìre mhòir do-chreidsinneach.

Bha Cupa na Camanachd air a dhol gu Caol Bhòid ann an 1920, 1922 is 1924, chun na Fùirneis ann an 1923, is gu Inbhir Aora ann an 1925 is 1926.

Cha b' e saoghal a bh' ann a bha a' còrdadh ri muinntir Bhàideanach a-muigh no a-mach, a thuilleadh air draghan gun robh daoine gu h-ionadail a' call ùidh sa gheama is cluicheadairean òga a' fàgail na sgìre.

Inbhir Aora meadhan nan 1920anTùs an deilbh, Am Baile/High Life Highland
Fo-thiotal an deilbh,

Inbhir Aora le Cupa na Camanachd anns an 1920an. Bha soirbheachas sgiobaidhean Earra-Ghàidheal aig an àm na dhragh do mhuinntir Bhàideanach

Chuir iad romhpa rudeigin a dhèanamh mu dheidhinn, rudeigin radaigeach.

"A most sensible proposal has been made that Badenoch should this season be represented by one team only", dh'aithris na meadhanan san sgìre. "With one team, there is no reason why the Camanachd Trophy should not return to Badenoch in season 1926/27".

"Bha dà rud ann," dh'innis eòlaiche eachdraidh Chinn a' Ghiùthsaich, John Robertson, do BhBC Naidheachdan.

"Air taobh Chinn a' Ghiùthsaich gu h-àraidh, bha gainnead de chluicheadairean ann ach cuideachd, bha na clubaichean ann am Bàideanach gu mòr airson Cupa na Camanachd fhaighinn air ais.

"Mar sin bha iad airson spionnadh às ùr a chur ann an iomain san sgìre ach cuideachd 'son faighinn air ais gu àrd-ìre."

Às dèidh choinneamhan stoirmeil anns gach baile far an cualar beachdan làidir airson is an aghaidh a' phlana, chaidh aonta a ruighinn a dhol còmhla. Chluicheadh an sgioba fo ainm Bhaile Ùr an t-Slèibh 'son seusan is an uairsin Ceann a' Ghiùthsaich san dàrna bliadhna.

Sanas 'son cuairt dheireannach 1927Tùs an deilbh, Inverness Courier
Fo-thiotal an deilbh,

Sanas 'son cuairt dheireannach Cupa na Camanachd ann an 1927 is sgioba amalaichte Bhàideanach - a' cluich fo ainm Bhaile Ùir an t-Slèibh - gus cluich an aghaidh Chaol Bhòid

"Chuir na cluicheadairean dìon air is bha iad a' feuchainn ri toirt a chreidsinn gun dèanadh e iomain nas làidire ann am Bàideanach," tha John ag ràdh.

"An luchd-taic agus na coimhearsnachdan, bha e gu math connspaideach dhaibh is bha iad fada, fada na aghaidh."

Sgaoil a' chonnspaid seachad air crìochan Bhàideanach, a rèir litir a nochd ann an Courier Inbhir Nis.

"Newtonmore and Kingussie evidently are not prepared to take the lean years with the fat ones, as other clubs in far less populous districts have done. They seem to prefer dishonour to defeat".

Bha seo a thuilleadh air litir eile a thug seachad rabhadh mu "the beginning of the end of shinty as we have known it. What a sorry pass, surely, shinty has come to in Kingussie and Newtonmore".

Dragh ann no às, rinn an sgioba ùr adhartas gu sgiobalta agus iad a' togail Cupa MhicThàmhais le buaidh 2-1 an aghaidh Shrath Fharragaig.

Ged a rinn Courier Inbhir Nis moladh air ìre a' chluich, thog iad air na h-uimhir de mhì-thoileachas.

"Badenoch, it was thought, might easily put forward two teams. On the other hand, Stratherrick, a not too thickly populated area, were putting forward practically the only twelve players available."

Coma leinn, thuirt sgioba Bhàideanach, is sùil aca a-nise air an duais a bha iad gu mòr ag iarraidh: Cupa na Camanachd.

Baile Ùr an t-Slèibh is Ceann a' Ghiùthsaich anns na 60an/70an
Tùs an deilbh, Am Baile/High Life Highland
Fo-thiotal an deilbh,

Baile Ùr an t-Slèibh is Ceann a' Ghiùthsaich mar as fheàrr a dh'aithnichear iad: ann an ugannan a chèile

A' seasamh san rathad bha Caol Bhòid. Ma bha muinntir Bhàideanach fhathast car an-fhoiseil, tha e coltach gun deach aca air a chur gu aon taobh is sluagh mòr a' dèanamh air Pàirc a' Bhucht gus taic a chur ris an sgioba amalaichte.

Chunnaic iad "strì iongantach" san deach am Baile Ùr air thoiseach, ach anns an do chrìochnaich Caol Bhòid gu làidir 'son soirbheachadh 2-1.

'S gann gun robh an geama seachad nuair a chaidh an ceòl air feadh na fìdhle buileach. A' toirt seachad a' chupa, thuirt ceann-suidhe Chomann na Camanachd gun robh Caol Bhòid air tighinn a dh'Inbhir Nis le fios gun robh iad a' dol an aghaidh a' chuid as fheàrr à sgìre Bhàideanach.

"By the defeat of that team", thuirt e, "one of the best strokes had been done for shinty".

Chaidh ceann-cinnidh Chaol Bhòid pìos nas fhaide: "In the interests of shinty it was good that they had smashed the combination from Badenoch".

A' freagairt 'son Baile Ùr an t-Slèibh, chuir Seumas Mac an Tòisich (à Ceann a' Ghiùthsaich) meal a naidheachd air Kyles, is e ag ràdh gun robh an sgioba amalaichte air grunn gheamaichean a chluich is nach cuala e guth na aghaidh.

"It was only people who did little for the game, and perhaps desired publicity, that complained about the combination," thuirt Mac an Tòisich.

Baile Ùr an t-Slèibh le Cupa na Camanachd is Cupa MhicThàmhais ann an 1929.Tùs an deilbh, Rob Ritchie
Fo-thiotal an deilbh,

An sgioba à Baile Ùr an t-Slèibh a thug Cupa na Camanachd (is Cupa MhicThàmhais) gu Bàideanach ann an 1929 is an sgioba amalaichte a-nise seachad. Dealbh le taing do Rob Ritchie aig Cluba Camanachd Bhaile Ùir an t-Slèibh

Cha do rinn an sgioba, a-nise fo bhratach Chinn a' Ghiùthsaich, ro mhath ann an 1928.

Chaill iad grèim air Cupa MhicThàmhais is bha briseadh-dùil uabhasach ann an Cupa na Camanachd far an do chaill iad ri Both Fhleisginn, rud a chuir crith tro shaoghal na h-iomain.

Chuir e crith tro mhuinntir Bhàideanach cuideachd. Bha na seann nàimhdean air tighinn còmhla feuch fuamhairean Earra-Ghàidheal a leagail, seach a bhith air am maslachadh iad fhèin le sgioba à sgìre nach robh riamh roimhe air cuairt dheireannach Chupa na Camanachd a ruighinn. Cha do chuidich e gun deach Both Fhleisginn an uairsin a sguabadh air falbh 6-2 le Caol Bhòid.

Bha làithean sgioba amalaichte Bhàideanach seachad.

Dh'obraich e do Bhaile Ùr an t-Slèibh co-dhiù is iad a' buannachadh Chupa na Camanachd air an ceann fhèin ann an 1929 aig toiseach caibideil ùr de shoirbheachas.

John Mackenzie (Baile Ùr an t-Slèibh) is James Hutchison (Ceann a' Ghiùthsaich) ann an cuairt dheireannach Chupa na Camanachd bho 2011Tùs an deilbh, Neil G Paterson
Fo-thiotal an deilbh,

Baile Ùr an t-Slèibh is Ceann a' Ghiùthsaich an turas mu dheireadh a chluich iad sa chuairt dheireannaich de Chupa na Camanachd ann an 2011, geama a bhuannaich am Baile Ùr 4-3

Ged a bha bliadhnaichean san fhàsach ro Cheann a' Ghiùthsaich, thigeadh an là acasan a-rithist is ge b' e dè cho dona 's a dh'fhàs cùisean, cha robh guth a-rithist air a dhol còmhla ris a' Bhaile Ùr.

Cha mhòr 100 bliadhna sìos an loidhne, tha iad fhathast car leisg ann am Bàideanach mathanas a thoirt dhan fheadhainn a bh' ann aig an àm.

"Ciamar idir a bha iad a' smaointinn a dh'obraicheadh seo - chan eil fios agamsa," tha John Robertson ag ràdh.

"Bha an rud cho connspaideach is gun robh e follaiseach gum biodh aimhreit is buaireadh ann."

Chan eil, gu h-inntinneach, do bhoireannaich na sgìre, a tha a' cluich gu soirbheachail fo bhratach Bhàideanach is iad dìreach air Cupa Valerie Fhriseil a bhuannachadh is cothrom aca fhathast air a' Phrìomh Lìog.

Zoe Reid (Bàideanach) is Rebecca Masson (Loch Abar) ann an cuairt dheireannach Chupa Valerie FhriseilTùs an deilbh, Neil G Paterson
Fo-thiotal an deilbh,

Boireannaich Bhàideanach is Loch Abar ann an cuairt dheireannach Chupa Valerie Fhriseil 2025, geama a bhuannaich Bàideanach 2-0

Ged a tha John am measg na tha a' cumail taic riutha, 's e faochadh mòr a th' ann dha nach do mhair sgioba amalaichte nam fear.

"Nam biodh iad air fuireach mar Bhàideanach 's e mòr-thubaist a bh' air a bhith ann.

"Canaidh mi seo le cinnt: cha thachair e a-chaoidh tuilleadh!"

Mar sin, ged a tha teans gum faic sinn "aimhreit is buaireadh" aig Pàirc a' Bhucht Disathairne, 's ann bho dhà champa eadar-dhealaichte ann am Bàideanach a thig e.

Dìreach mar a tha iad fhèin ag iarraidh.

"Feumaidh daoine tuigsinn gu bheil còmhstri ionadail eadar nàbaidhean dìreach bunaiteach ann an iomain," tha John ag ràdh.

"Feumaidh miann a bhith agad gus a' chùis a dhèanamh orra gus na h-ìrean agad fhèin a thogail is a bhith air thoiseach air càch.

"A' chòmhstri ionadail a tha sin, 's e sin a tha a' cumail iomain a' dol."

Bidh gach buille bho Phàirc a' Bhucht againn an seo beò air-loidhne Disathairne, a' tòiseachadh aig 12:45f. Bidh cuideachd prògram sònraichte air BBC Radio nan Gàidheal bho 1f agus chìthear an geama air BBC ALBA bho 2f.

Duilleagan eadar-lìn co-cheangailte

Tuilleadh air an sgeulachd seo