Dh'fhaodadh gun cuir Comhairle na Gàidhealtachd an aghaidh phlanaichean 'son sgeama haidro

Mapa de Loch ChuaichTùs an deilbh, Fearna PSH Ltd
Fo-thiotal an deilbh,

Tha Fearna PSH Ltd ag ràdh gu bheil na planaichean aca "cudromach gu nàiseanta"

  • Air fhoillseachadh

Dh'fhaodadh gun cuir Comhairle na Gàidhealtachd an aghaidh phlanaichean airson pròiseact haidro mòr ann an Loch Abar.

Tha Fearna PSH Ltd ag iarraidh ath-leasachadh a dhèanamh air seann ionad haidro ann an Loch Chuaich, faisg air Inbhir Garadh, gus a dhèanamh mar sgeama far a bheil uisge ga phumpadh gu lochan àrda airson a stòradh.

Ann an aithisg, tha oifigich na comhairle ag ràdh gu bheil dragh ann mun bhuaidh air cruth na tìre agus fiadh-bheatha, cho math ri rathaidean dùthchail leis na bhios orra de charbadan.

Thuirt an luchd-leasachaidh gun robh am pròiseact "cudromach gu nàiseanta" agus gum biodh comas ann stòrasan mòra de cumhachd a ghlèidheadh gus am biodh feum orra.

Tha comhairlean coimhearsnachd, a' bhuidheann Mountaineering Scotland, agus Comann Rìoghail Dìon nan Eunlaith cuideachd air draghan a thogail.

Dh'iarr Riaghaltas na h-Alba air Comhairle na Gàidhealtachd am beachd mun phròiseact a thoirt seachad.

Anns an aithisg a thèid air beulaibh Comataidh Dealbhachaidh a' Chinn a Deas an ath-sheachdain, thuirt ofigearan nach robh planaichean iomchaidh ann gus buaidh an sgeama air an àrainneachd a lùghdachadh.

Thuirt iad cuideachd gum biodh droch bhuaidh ann air sgìrean a tha air an dìon, agus gum faodadh an sgeama cron a dhèanamh air lìonra nan rathaidean ionadail.

Tha oifigich a' moladh gun cuir comhairlichean an aghaidh nam planaichean.

Thuirt an aithisg gu bheil Fearna PSH Ltd air taisebanaidhean poblach a chumail mu na planaichean.