Sgeama haidro ùr san amharc ann an Gleann Cuaich

- Air fhoillseachadh
Chaidh planaichean airson fear de na sgeamaichean haidro phump-stòraidh as motha am Breatainn a chur air adhart airson taobh an iar na Gàidhealtachd.
Thuirt a' chompanaidh a tha air cùlaibh a' phròiseict gun cruthaicheadh e cumhachd airson 1.5m dachaigh agus gun deadh na ceudan obraichean a chruthachadh.
Bhiodh pròiseact Feàrna stèidhichte aig Loch Chuaich mu 20 mìle à Inbhir Gharadh ann an Loch Abar.
Thuirt Gilkes Energy, a th air a chùlaibh, gum faodadh an sgeama cumhachd glan a chur ris a' Ghriod Nàiseanta glè sgiobalta.
A rèir na companaidh, a bharrachd air a' chumhachd a chumadh e ris a' Ghriod, dheadh 2,000,000 tunna de CO2 a chùmhnadh gach bliadhna.
Le sgeamaichean haidro mar seo, bithear a' cleachdadh chumhachd aig amannan sàmhach airson uisge a phumpadh suas cnoc no beinn gu lochan-tasgaidh, agus nuair a tha feum air dealan, bidh an t-uisge ga chur sìos tro thurbainean gu loch gu h-ìosal.
Bhiodh Loch Feàrna air a chleachdadh mar an loch-tasgaidh àrd is chuireadh iad Loch Chuaich, anns an deach dàm a chur mar phairt de sgeama haidro anns na 1950an, gu feum mar an loch-tasgaidh ìosal.
Chaidh a ràdh gun cumadh an obair togail cosnadh ri suas ri 500 duine, agus gum faodadh sin tòiseachadh timcheall air 2028.