15 preantasachd gan tabhainn aig Àranais

Neach ag obair le uidheamachdTùs an deilbh, Navantia
  • Air fhoillseachadh

Tha cothrom ga thabhainn air 15 duine preantasachd fhaighinn aig Gàrradh Àranais ann an Leòdhas.

Tha a' chompanaidh Navantia a' sireadh dhaoine airson nan cothroman aig toiseach Seachdain Preantasachd na h-Alba.

Ghabh a' chompanaidh Spàinnteach thairis an gàrradh san Dùbhlachd 2024, agus iad ag amas air fàs a thoirt air an cuid obrach ann an roinn a' chumhachd, eadar gas, cumhachd niuclasach agus ath-nuadhachail.

Tha dùil aig a' chompanaidh 35 preantasan a ghabhail air am-bliadhna, eadar an 15 aig Àranais agus 20 eile aig Gàrradh Methil ann am Fìobha.

Faodar cur airson tè de na preantasachdan bho an-diugh.

Faodaidh preantasan roghnachadh a bhith ag amas gu sònraichte air einnsinnìreachd dealain, saothrachadh no tàthadh.

Thuirt manaidsear Navanta aig Àranais, Albert Allan, gu bheil preantasan glè chudromach airson fàs a thoirt air obair na companaidh, agus gur e fìor chothrom a th' ann cuideachd do dhaoine trèanadh aig àrd-ìre fhaighinn is a bhith nam pàirt de phròiseactan mòra.