Sgrùdadh ga iarraidh air slàinte is sàbhailteachd air tuathanasan-èisg

- Air fhoillseachadh
Dh'iarr aonadh-ciùird sgrùdadh air slàinte agus sàbhailteachd ann an gnìomhachas nan tuathan-èisg an dèidh dhaibh figearan fhaighinn mu thubaistean san àite-obrach.
Bha 139 droch thubaist anns na còig bliadhna a dh'fhalbh agus bha aon bhàs ann.
Chaidh gluasad a chur air beulaibh Pàrlamaid na h-Alba an t-seachdain a chaidh a' nochdadh na bha de thubaistean sa ghnìomhachas, 's ag iarraidh air companaidhean obrachadh còmhla ri aonaidhean-ciùird gus piseach a thoirt air cùisean.
"'S e adhbhar dhragh mòr a th' ann gu bheil daoine a' dol a dh'obair gun chinnt gun till iad san aon staid fhalainn san robh iad," thuirt Mark McHugh, bho Aonadh nam Bèicearan, a' Bhìdhe 's an Luchd-obrach Coltach.
"Tha adhbhar air cùlaibh nan àireamhan eagallach sin, agus 's e sin nach eil na h-aonaidhean an sàs sa ghnìomhachas ann.
Càin £800,000 air Mowi
- Air fhoillseachadh9 An Cèitean 2023
"Tha sinn air tabhainn grunn tursan obrachadh còmhla riutha feuch dè ghabhadh dèanamh a thaobh cuid den t-slàinte is sàbhailteachd.
"Chaidh ar putadh air ais uair an dèidh uair.
"Mar as fhaide a leanas sin, 's ann a leanas na goirteachaidhean seo - corragan gan gearradh dheth, druimean briste, amhaichean briste, adhbranan briste - a' dol an àirde."
Thuirt Salmon Scotland, a tha a' riochdachadh a' ghnìomhachais: "Tha companaidhean bradain a' gabhail ris gach riaghailt san àite-obrach, 's iad dha-rìribh mu na h-uallaichean slàinte is sàbhailteachd aca."
Thuirt Buidheann-gnìomha na Slàinte 's na Sàbhailteachd nach eil planaichean aca an-dràsta ath-sgrùdadh a dhèanamh air a' ghnìomhachas ann an Alba.
Ach thuirt iad gun cùm iad orra a' leantainn aithrisean de thubaistean, agus far an deach lagh slàinte is sàbhailteachd a bhriseadh gun tèid iad an sàs.