Rannsachadh mu bhàs neach-obrach tuathanas-èisg

Chaidh càin air an luchd-fastaidh aig Clive Hendry an dèidh dha bàsachadh ann an 2020.
- Air fhoillseachadh
Thuirt Siorraidh gu bheil bàs neach-obrach aig tuathanas-èisg a’ sealltainn nan cunnartan a tha an lùib gnìomhan làitheil aig àitichean obrach.
Chaidh Clive Hendry a phronnadh nuair a bha e a' feuchainn ri a bhith a' gluasad eadar bàta agus bàirdse, faisg air Caol Loch Aillse ann an 2020.
An-uiridh chaidh càin de còrr is £800,000 a chur air a’ chompanaidh Mowi Scotland às dèidh dhaibh aideachadh gun do bhris iad riaghailtean sàbhailteachd.
Chaochail Mgr Hendry a bha na leas-mhanaidsear às dèidh dha bhith a’ gabhail ceum tro gheata fhosgailte air a' bhàta is e a’ dèanamh air àradh air a' bhàirdse.
Ach bhuail am bàta ann agus e air an àradh, agus thuit e dhan uisge.
Dh'fheuch co-obraiche ri a shàbhaladh le a bhith a' faighinn grèim air an t-seacaid-sàbhalaidh aige ach thànaig e a-mach às an sin.
Ged nach robh e fon uisge ach airson mu fhichead diog, agus a dh’aindeoin oidhirpean luchd-obrach meidigeach, dh’eug e.
Anns a' bheachd a thug an Siorram Gary Aitken seachad às dèidh rannsachadh tubaist bhàsmhor, thuirt e gun robh an tubaist air ceistean a thogail mu shàbhailteachd co-cheangailte ri dòighean-obrach agus aodach-dìon.
Thuirt Mowi Scotland nach robh iad a’ cleachdadh nan dòighean-obrach a bha air cùlaibh na tubaiste a-nis.