Càin £800,000 air Mowi

Bha Clive Hendry air a bhith ag obair aig Mowi fad 12 bhliadhna
- Air fhoillseachadh
Chaidh càin còrr is £800,000 air a' chompanaidh Mowi às dèidh mar a bhàsaich neach-obrach aig tuathanas-èisg leotha air Ghàidhealtachd.
Bhàsaich Clive Hendry, 58, ann an tubaist aig tuathanas-èisg Àird an t-Sabhail faisg air Caol Loch Aillse sa Ghearran 2020.
Chaidh Mgr Hendry a phronnadh is a' feuchainn ri dhol eadar bàta-obrach is bàirdse.
Dh'aidich Mowi gun deach laghan slàinte is sàbhailteachd a bhriseadh.
Bha Cùirt an t-Siorraidh ann an Inbhir Nis air cluinntinn nach deach measaidhean-sàbhailteachd a dhèanamh, nach robh siostam-obrach ann is nach deach stiùireadh ceart a thoirt seachad.
Thuirt Mowi nach eil na modhan-obrach a bh' ann aig an àm gan cleachdadh tuilleadh.
Bha Mgr Hendry air a bhith ag obair aig Mowi fad 12 bhliadhna is chaidh innse gur e pàirt chudromach den sgioba a bh' ann.