Àrdachadh 7% air a' chìs-chomhairle air Ghàidhealtachd

- Air fhoillseachadh
Dh'aontaich Comhairle na Gàidhealtachd a' chìs-chomhairle àrdachadh 7%.
Fàgaidh seo gum bi aig daoine le dachaigh ann am Bann D sa bhitheantas a' pàigheadh £107 a bharrachd sa bhliadhna, suas gu £1,634.
Thèid 5% den àrdachadh gu ruige prìomh sheirbheisean Comhairle na Gàidhealtachd agus 2% gu Plana In-ionmhas na Gàidhealtachd.
'S e stòras a tha sin a stèidhich an t-ùghdarras ionadail ann an 2024 'son sgoiltean is rathaidean a leasachadh is 2% gus tighinn bhon chìs-chomhairle gach bliadhna.
Àrdachadh 7% san amharc air a' chìs-chomhairle air a' Ghàidhealtachd
- Air fhoillseachadh26 An Gearran
Cìs na comhairle an Earra-Ghàidheal is Bòd suas 9.7%
- Air fhoillseachadh25 An Gearran
Cìs na Comhairle suas 8.5% sna h-Eileanan Siar
- Air fhoillseachadh25 An Gearran
Tha a' chomhairle air tomhas gum bi beàrn £46m romhpa thairis air an ath thrì bliadhna.
Thuirt a' bhuidheann-riaghlaidh gu bheil an t-àrdachadh, a tha còrr is a dhà uimhir ìre na h-atmhorachd, air a chumail cho beag 's a ghabhas, agus gun tèid cuid den airgead a thèid a thogail a chosg air sgoiltean ùra a thogail agus tuill sna rathaidean a chàradh.
Tha iad ag ràdh gun cothromaich na planaichean aca am buidseat gun feum a bhith ann airgead a thoirt à cùl-stòran.