Àrdachadh 7% san amharc air a' chìs-chomhairle air a' Ghàidhealtachd

Comhairlichean na Gàidhealtachd a' suidhe aig bòrd is iad a' meòrachadh air a' bhuidseat aca.
  • Air fhoillseachadh

Thèid iarraidh air comhairlichean na Gàidhealtachd a' chìs-chomhairle a chur suas 7% nuair a choinnicheas iad an ath-sheachdain gus am buidseat a stèidheachadh.

Bhiodh seo a' ciallachadh gum biodh àrdachadh mu £107 airson dachaighean aig Bann D ann an sgìre Comhairle na Gàidhealtachd, suas gu £1,634.

Bhiodh 5% den àrdachadh a' dol gu ruige prìomh sheirbheisean Comhairle na Gàidhealtachd agus 2% gu Plana In-ionmhas na Gàidhealtachd.

'S e stòras a tha sin a stèidhich an t-ùghdarras ionadail ann an 2024 'son sgoiltean is rathaidean a leasachadh is 2% gus tighinn bhon chìs-chomhairle gach bliadhna.

A thuilleadh air sin, tha molaidhean ann a' chìs-chomhairle air dachaighean a bha fada falamh a chur an-àirde 250%, cho math ris a' chìs air dàrna dachaighean a chur suas 300%.

Chan eil na planaichean buidseit a' moladh cùl-stòran na comhairle a chur gu feum, is tha cuideachd plana ùr trì bliadhna de shàbhalaidhean na chois.

Coinnichidh comhairlichean Diardaoin seo tighinn gus na planaichean a dheasbad.

Tha Comhairle nan Eilean Siar mar-thà air a' chìs-chomhairle a chur suas 8.5% is dh'aontaich Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid àrdachadh de 9.7%.