£100,000 do phròiseact 'son dèiligeadh ri bochdainn chloinne an Steòrnabhagh

- Air fhoillseachadh
Tha pròiseact ùr ann an Steòrnabhagh a' faighinn £100,000 thairis air dà bhliadhna bho mhaoin Riaghaltas na h-Alba a tha a' cumail taic ri dòighean ùra gus dèiligheadh ri buaidh bochdainn chloinne.
Bidh e an urra ri Comhairle nan Eilean Siar càite am bi Hub Steòrnabhaigh air a stèidheachadh, agus tha gealltanas ann gum bi maoineachadh a bharrachd ann ma shoirbhicheas leis.
Thèid an t-airgead ùr a chleachdadh airson luchd-obrach fhastadh dhan ghoireas ùr.
Bidh e a' cumail taic ri daoine gus sgilean a leasachadh, barrachd airgid a chosnadh agus nì e cinnteach gu bheil teaghlaichean a' faighinn nan sochairean sòisealta air a bheil iad airidh.
Thuirt an Leas-Phrìomh Mhinistear Ceit Fhoirbeis gur e "am prìomhachas as àirde mar riaghaltas cur às do bhochdainn chloinne".
"Tha an £100,000 a' dol a chuideachadh theaghlaichean, pàrantan leis na sgilean a dh'fheumas iad airson obair ùr a thòiseachadh neo 's dòcha gnothachas ùr a thòiseachadh," thuirt i.
Ìre na bochdainn suas sna h-Eileanan an Iar
- Air fhoillseachadh15 An t-Samhain 2021
Rannsachadh bochdainn chloinne an Uibhist
- Air fhoillseachadh20 Am Faoilleach 2023
Tha rannsachadh a' dèanamh dheth gum faodadh gur e muinntir nan Eilean Siar as motha a tha a' fulang bochdainn connaidh am Breatainn a bharrachd air cosgaisean bith-beò nas àirde eile.
Tha Ms Fhoirbeis a' gabhail ris "nach e tòrr airgid a th' ann ach an dòigh airson deuchainnean a dhèanamh".
Thuirt i: "Tha a' mhaoin seo a' feuchainn ri taic a chur ri poileasaidhean agus iomairtean ùra nach eil a' tachairt an àite sam bith eile agus leis a bheil an aon amas a' toirt taic do theaghlaichean agus do chloinn ann am bochdainn.
"Ma tha iad ag obair bidh barrachd maoineachaidh ann," gheall i.
Ged a bhios an hub ùr ann an Steòrnabhagh tha Murchadh MacIllEathain, Cathraiche Biùro Comhairleachaidh na h-Alba an Steòrnabhagh, ag ràdh gu bheil daoine feumach air taic eadar Bhatarsaigh agus Leòdhas.
Thuirt e: "Feumar dèanamh cinnteach gu bheil na daoine as fheumaiche air gur iad a gheibh cuideachadh."
Tha Riaghaltas na h-Alba a' gealltainn còrr is £8bn san ath bhuidseat airson dèiligeadh ri bochdainn chloinne agus faochadh a thoirt dhaibhsan a tha a' fulang chosgaisean bith-beò àrda.
Thòisich a' mhaoin, taobh a-muigh seo bho chionn trì bliadhna. Tha 21 phròiseact uile gu lèir an Alba a' faighinn cuibhrinn den £1,885,879 a tha ri fhaotainn san ath chuairt den mhaoin eadar 2025 agus 2028.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh27 An t-Samhain 2024
