"Chan eil còraichean daonna mhuinntir na Gàidhealtachd is nan Eilean gan coileanadh"

An t-ÒbanTùs an deilbh, Getty Images
Fo-thiotal an deilbh,

Bha Earra-Ghàidheal is Bòd air tè de na sgìrean far an do rinn an coimisean rannsachadh

  • Air fhoillseachadh

Chan eil còraichean daonna mhuinntir na Gàidhealtachd is nan Eilean uile gan coileanadh, a rèir Choimisean Chòraichean Daonna na h-Alba.

Tha aithisg ùr bhon Choimisean a' togail dhraghan gu sònraichte mu thaigheadas, biadh is slàinte, agus mun chòir a th' aig daoine aig tuath air gnothaichean eile mar chòmhdhail is cultair.

Chleachd an Coimisean dòigh ùr rannsachaidh stèidhichte gu mòr air tadhal air grunn choimhearsnachdan is bruidhinn ri farsaingeachd de dhaoine.

Dh'èirich an rannsachadh à aithisg a thug an Coimisean seachad dha na Dùthchannan Aonaichte sa Mhàrt 2023 is a thog dragh mu chòraichean daonna ann an sgìrean dùthchail na h-Alba.

'S e sin a dh'fhàg gun deach an Coimisean an sàs ann an rannsachadh ùr a' coimhead ris an t-suidheachadh aig tuath.

Tha an aithisg aca a' toirt a-steach sgìrean Comhairle na Gàidhealtachd, Comhairle nan Eilean Siar, Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid, Comhairle Mhoireibh, Comhairle Arcaibh is Comhairle Shealtainn.

Am measg na fhuair iad san rannsachadh ùr, taobh a-muigh bha:

  • Gainnead de thaighean aig prìs reusanta sa mhòr-chuid de sgìrean, a' fàgail nach urrainn do dhaoine òga taighean fhaighinn

  • Duilgheadasan le obraichean deatamach a lìonadh air sgàth gainnead thaighean aig prìs reusanta, is tòrr thaighean mar dhàrna dachaighean

  • Gainnead de sheirbheisean slàinte aig ìre ionadail, a' ciallachadh gum feum daoine siubhal gu math fada gus seirbheisean fhaighinn

  • Sgìrean gun dotairean teaghlaich, a' fàgail nach eil cuid a-nise a' cur sheirbheisean slàinte gu feum idir

  • Boireannaich a tha trom a' siubhal astaran fada gus leanabh a bhith aca

  • Duilgheadasan cothrom fhaighinn air seirbheisean slàinte-inntinn is seirbheisean taice a thaobh na dibhe is drugaichean

  • Beàrnan ann an seirbheis a' chùraim is dachaighean-cùraim air dùnadh

  • Ìrean àrda de bhochdainn connaidh

  • Nas lugha de luchd-obrach ri linn Brexit, a' toirt buaidh am measg eile air cùram anns na h-Eileanan an Iar

  • Sgìrean a bhith an eisimeil air obraichean turasachd nach eil ann fad na bliadhna

  • Ceanglaichean didseatach nach eil aig ìre

  • Trioblaidean còmhdhail le aiseagan is eile a' fàgail nach robh biadh gu leòr ann am bùithtean

  • Àrdachadh anns na tha a' cleachdadh bhancaichean-bìdhe

  • Bun-structar rathaid san Eilean Sgitheanach nach eil air atharrachadh ann am 20 bliadhna a dh'aindeoin àrdachadh mòr ann an luchd-tadhail, agus gainnead de chòmhdhail phoblach

Fhuair an coimisean fianais bho dhaoine cuideachd gu bheil còraichean a bh' ann roimhe air crìonadh le seirbheisean air an lùghdachadh no air an tarraing gu tur ri linn ghearraidhean ann am buidseatan.

Thairis air na naoi còraichean air a bheil iad a' togail: obair, tèarainteachd shòisealta, biadh, aodach, taigheadas, slàinte, cùram sòisealta, foghlam is cultar, tha iad iad ag ràdh nach eil gin dhiubh a' coileanadh a h-uile slat-tomhais 'son a bhith air am measg "freagarrach" fo lagh eadar-nàiseanta.

Am measg nam molaidhean aca tha:

  • Frèam-obrach laghail gus còraichean a dhìon

  • Gnìomh "san aithghearrachd" gus dèiligeadh ri trioblaidean le daoine gun dachaigh no aig nach eil biadh gu leòr, is cothrom air seirbheisean slàinte feiseil

  • Èist ri coimhearsnachdan le poileasaidhean stèidhichte air daoine seach dàta a-mhàin

  • Poileasaidhean sùbailte a tha a' freagairt air sgìrean eadar-dhealaichte

  • Siostam Measadh Buaidh Eileanach a leudachadh gu coimhearsnachdan air tìr-mòr le measadh air còraichean 'son gach poileasaidh

  • Targaidean soilleir a stèidheachadh gus còraichean daonna a leasachadh

Tha Coimisean Chòraichean Daonna na h-Alba ag ràdh gu bheil dùil aca gun toir Pàrlamaid is Riaghaltas na h-Alba is buidhnean poblach eile feart air na molaidhean aca.

"Tha cus dhaoine air a' Ghàidhealtachd is anns na h-Eileanan acrach, gun dachaigh, gun chothrom air slàinte is rudan bunaiteach eile," thuirt cathraiche a' choimisein, an t-Oll Angela O'Hagan.

Fo-thiotal a’ bhidio,

John Swinney a' bruidhinn mun aithisg

"Leis an obair seo, tha sinn a' cur air adhart siostam ùr measaidh, a tha a' toirt a' Choimisein nas fhaisge air coimhearsnachdan.

"Fhad 's a tha sinn a' leasachadh seo, tha sinn an dùil gum beachdaich na h-ùghdarrasan uile air an fhianais a fhuair sinn, is gun gluais iad gus na dleastanasan aca a thaobh còraichean daonna a thoirt seachad a choileanadh," thuirt i.

Tha an Coimisean cuideachd an dùil am modail ùr seo a sgaoileadh do sgìrean eile na h-Alba.

Thuirt Riaghaltas na h-Alba gu bheil iad mar-thà air gluasad gus dèiligeadh ri cuid de rudan san aithisg.

"Tha sinn ag aithneachadh gu bheil còir aig daoine air biadh, taigheadas is slàinte is tha sinn air ceumanan a ghabhail gus còraichean daonna a leasachadh, a thuilleadh air an roinn phoblach ullachadh airson dleastanasan ùra," thuirt fear-labhairt.

"Cha bu chòir do dhuine a bhith a' dol às aonais bìdh no rudan deatamach eile is tha sinn air plana fhoillseachadh - freumaichte ann an còraichean daonna, airson dèiligeadh ri sin."

Thuirt iad cuideachd gun deach 10,000 taigh aig prìs reusanta a thogail ann an sgìrean dùthchail eadar 2016 is 2023.