Ìre na bochdainn suas sna h-Eileanan an Iar

  • Air fhoillseachadh
Connadh
Fo-thiotal an deilbh,

Tha an t-àrdachadh ann am prìs a' chonnaidh bho chionn ghoirid air buaidh a thoirt air teaghlaichean.

Thàinig àrdachadh 4.8% air an àireimh theaghlaichean sna h-Eileanan Siar a tha a' tighinn beò ann am bochdainn bho thòisich am pandemic, a rèir Bhuidheann-gnìomha na Bochdainn san sgìre.

Thuirt iad gu bheil faisg air a' chairteal cuid de chloinn sna h-eileanan a' fuireach ann am bochdainn.

Tha an t-àrdachadh air prìs a' chonnaidh agus a' bhìdh, agus mar a chaidh an Creideas Coitcheann a ghearradh, am measg na tha a' fàgail gu bheil na h-uimhir de dhaoine sna h-eileanan ga fhaighinn doirbh cosgaisean bith-beò a phàigheadh, thuirt iad.

Dh'innis iad gu bheil fios le cinnt gu bheil 881 teaghlach a' tighinn beò ann am bochdainn, àrdachadh de 41 an coimeas ri na figearan ro Chovid.

A bharrachd air an sin, tha ìre na bochdainn am measg chloinne aig 21.5%.

'S e seann daoine a tha a' fuireach leotha fhèin as motha air an tàinig àrdachadh air cosgaisean dachaigh, le sin suas 37%.

Leis a' gheamhradh a' teannadh dlùth tha Buidheann-gnìomha na Bochdainn airson innse do dhaoine ann an duilgheadas gu bheil taic ri fhaotainn bho leithid Chomhairle nan Eilean Siar, Buidheann Comhairleachaidh a' Phobaill agus Taighean Innse Gall.