Rannsachadh bochdainn chloinne an Uibhist

  • Air fhoillseachadh
Balach an am brògan caithteTùs an deilbh, Getty Images

Tha Comataidh a' Cheartais Shòisealta aig Pàrlamaid na h-Alba ann an Uibhist an-dràsta a' rannsachadh bochdainn am measg chloinne.

Tha teaghlaichean sa bheil pàrantan òga, aon phàrant, agus teaghlaichean anns a bheil triùir neo barrachd chloinne am measg na thathas a' meas ann an cunnart bochdainn.

Tha aon duine-cloinne anns gach ceathrar ann an Alba beò ann am bochdainn.

Tha an Riaghaltas ann an Dùn Èideann ag amas air tuisge nas fheàrr fhaighinn air a' chuspair thoinnte a tha seo, le bhith a' rannsachadh a' cheangail a th' ann eadar e agus fastadh phàrantan.

Còmhdhail

"Tha an gnothach a' fàs nas toinnte, 's tha barrachd is barrachd rudan a' toirt buaidh air," thuirt Leas-Neach-gairm Comataidh a' Cheartais Shòisealta agus na Teàrainteachd Sòisealta, Emma Roddick.

"Feumaidh sinne cluinntinn bho dhaoine mu mar a tha bochdainn chloinne agus duilgheadasan a thaobh fastadh fhaighinn eadar-dhealaichte anns na h-Eileanan an taca ri Tìr-Mòr.

"Tha fios agam cho cudromach 's a tha e gum bi conaltradh poilitigeach le ar coimhearsnachdan ionadail, air a dhèanamh nar coimhearsnachdan ionadail.

"Tha còmhdhail, dìth còmhdhail, cosgais còmhdhail, cothrom air còmhdhail 's cho cunbhalach 's a tha e uile nan duilgheadasan nas motha na bhiodh iad ann an sgìre gu math bailteil.

"Tha pàrantan ag innse dhuinn mar thà nach fhaigh iad cùram-cloinne faisg air an dachaigh, nach fhaigh iad obair faisg air an dachaigh, no faisg air an cùram-cloinne.

"Nuair a tha gnothaichean beagan nas sgapte na tha iad ann an sgìrean eile, faodaidh e a bhith doirbh dha-rìribh do dhaoine rudan mar sin a chur air dòigh," thuirt i.

Tha an rannsachadh cuideachd a' coimhead air na tha ga dhèanamh anns na h-Eileanan mar thà, agus na dh'fhaodadh an Riaghaltas a dhèanamh airson cuideachadh.

"Tha a' Chomhairle a' dèanamh an t-uabhas airson phàrantan a' dol a-steach gu obair, airson an cothroman a bhith nas fheàrr, agus airson a' chlann aca a thogail a-mach à bochdainn," thuirt Dollag Nic a' Ghobhainn, a tha os cionn luchd-obrach agus preantasachd aig Comhairle nan Eilean Siar.

"Ach tha tòrr a' tachairt mu dheidhinn an airgid a tha a' tighinn a-steach, tha e a' tighinn a-steach airson bliadhna, agus an uairsin chan eil sin furasta airson an luchd-obrach againn fhìn.

"So tha sinn a' lorg an airgid a thighinn a-steach airson ùine nas motha agus an uairsin tha e furasta dhuinne barrachd taice a thoirt dha na daoine," thuirt i.

Eòlas

Feumaidh an taic cheart a bhith air a ceangal ris na cothroman a tha freagarrach air pàrantan airson adhartas a dhèanamh.

"Sin a tha ga fhàgail cho cudromach nach eil sinn a-mhàin a' bruidhinn ri pàrantan fhad 's a tha sinn an seo," thuirt Ms Roddick.

"Tha sinn a' bruidhinn ri luchd-fastaidh ionadail, agus tha sinn a' bruidhinn ri buidhnean ionadail a bheir seirbheisean so-fastachd seachad.

"Oir tha fhios againne gu bheil eòlas ri fhaighinn an seo, agus chan eil sinn airson ath-chruthachadh a dhèanamh air a' chuibhle, mar gum biodh.

"Tha sinn airson dèanamh cinnteach gu bheil sinn a' trusadh an eòlais a th' acasan, 's gun cleachd sinn e," thuirt i.

Leanaidh cuairt rannsachaidh nam Ball-Pàrlamaid air feadh Uibhist Dihaoine.