A' cuimhneachadh air na chailleadh san Iolaire agus an càirdean

- Air fhoillseachadh
Tha an droch shìde air buaidh a thoirt air planaichean airson comharrachadh a dhèanamh air call an Iolaire ann an Steòrnabhagh Là na Bliadhn' Ùire.
Thèid an t-seirbheis chuimhneachaidh a-niste a chumail aig Àrd-Eaglais Steòrnabhaigh aig 1:00f, seach aig Carragh-chuimhne an Iolaire ann an Tolm.
Bidh an t-Urr. Gòrdan MacLeòid os cionn na seirbheise agus tha cuireadh ga thoirt don phoball a bhith an làthair airson urram a shealltainn do na chailleadh.
Chaidh an Iolaire air na creagan aig Biastan Thuilm gu math faisg air sàbhailteachd Cala Steòrnabhaigh tràth sa mhadainn Là na Bliadhn' Ùire 2019.
Bhàsaich 201 fireannach a bh' air bòrd an t-soithich an oidhche ud; b' iad eileanaich a bh' anns a' chuid as motha dhiubh a' tilleadh dhachaigh aig deireadh a' Choghaidh Mhòir.
Cha tàinig ach 79 beò às an tubaist.
100 bliadhna bho chall na h-Iolaire
- Air fhoillseachadh1 Am Faoilleach 2019
Cothrom gu bhith aig a' phoball planaichean Ionad an Iolaire fhaicinn
- Air fhoillseachadh1 An Giblean 2025
Cuimhneachan craoibhe air call na h-Iolaire
- Air fhoillseachadh21 An t-Samhain 2018
Tha Fear-Gairm Comhairle nan Eilean Siar, Coinneach MacLeòid, ag ràdh gu bheil "call an Iolaire na chaibideal trom agus gort nar n-eachdraidh".
"A h-uile bliadhna bidh sinn a' cruinneachadh a chuimhneachadh orrasan nach d' fhuair dhachaigh agus a mheòrachadh air an làraich mhaireannaich a dh'fhàg e air ar coimhearsnachdan.
"Tha mi a' brosnachadh dhaoine thighinn còmhla rinn airson cuimhneachadh air na fir agus na teaghlaichean a dh'fhuiling iargain air nach gabh tomhas."