Cothrom gu bhith aig a' phoball planaichean Ionad an Iolaire fhaicinn

Ìomhaigh neach-ealain air cò ris a dh'fhaodadh Ionad an Iolaire a bhith coltach
- Air fhoillseachadh
Tha am pròiseact airson Ionad an Iolaire a thogail ann an Steòrnabhagh air ceum air adhart a ghabhail.
Tha cuireadh ga thoirt dhan phoball thighinn gu taisbeanadh san Lanntair oidhche Mhàirt far an cluinn iad mu na molaidhean a th' ann.
Bidh an t-ionad-tadhail ag innse sgeulachd mòr-thubaist an HMY Iolaire a chaidh air na creagan aig beul cala Steòrnabhaigh an uairean beaga na maidne Là na Bliadhna Ùire 1919.
Chailleadh 201 fir den 280 a bh' air bòrd, eileanaich a bh' anns a' chuid as motha dhiubh sin a bha a' tilleadh dhachaigh an dèidh a' Chogaidh Mhòir.
Thathar airson an t-ionad a thogail air Cidhe 1 ann an Steòrnabhagh às an do dh'fhalbh na fir agus far an robh còir aca a thighinn air tìr.

Thòisich an obair airson Ionad an Iolaire a stèidheachadh ann an 2018.
Thuirt an sgioba air cùl a' phròiseict nach eil fhios aca cuin a dh'fhaodhadh e a bhith deiseil ach gu bheil iad ag amas air "fhaighinn ceart aig gach ìre".
Thuirt Stiùbhart Greumach, Urrasair Ionad an Iolaire: "Bha sinn a-riamh ag amas air goireas ùr-ghnàthach a chruthachadh às am bi buannachd eaconomach dhan eilean air fad, agus a bhios a' cuimhneachadh agus a' coimhead air adhart le dòchas ri na bliadhnaichean ri teachd dhan sgìre agus dhan t-sluagh," thuirt e.
Thuirt iad gum bi sgeulachd call an Iolaire aig cridhe an ionaid, ach gum bithear cuideachd a' coimhead air an dàimh a th' againn leis a' mhuir.
Bhruidhinn iad ri grunn dhaoine sa choimhearsnachd airson tuigse fhaighinn air mar as fhèarr a ghabhas an "sgeulachd chudromach seo innse don dà chuid muinntir an àite agus luchd-tadhail".

Tha moladh ann gum bi na dealbhan a rinneadh de na fir a bh' air bòrd an Iolaire air an taisbeanadh san ionad
Thathar a' moladh gum bi na dealbhan a rinn an neach-ealain Mairead Fhearghastan de na fir a bha a' seòladh air an Iolaire nuair a chaidh i air na creagan aig Biastan Thuilm air an taisbeanadh san ionad.
Bidh cothrom aig a' phoball na planaichean fhaicinn, am beachdan a thoirt seachad agus ceistean a chur aig tachartas san ionad-ealain An Lanntair oidhche Mhàirt.
Airson a' chiad uair bithear a' sealltainn 'Survivor', film a rinn an luchd-ciùil, Julie Fowlis agus Donnchadh Siosalach, a chaidh a choimiseanadh le 14-18 NOW, prògram ealain na Rìoghachd Aonaichte a tha a' comharrachadh 100 bliadhna on bha an Cogadh Mòr ann.
'S e an ath cheum dhan phròiseact farpais ailtireachd a chumail airson na bu mhiann leotha a thogail a leasachadh.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh1 Am Faoilleach 2019
