Dùil ri ceum air adhart do dh'Ionad an Iolaire
- Air fhoillseachadh

Tha dòchas gun gabh pròiseact Ionad an Iolaire ann an Steòrnabhagh ceum air adhart am-bliadhna.
Thèid cuireadh a thoirt do dh'ailtirean tighinn air adhart le beachdan air dreach an togalaich agus thèid beachd na coimhearsnachd iarraidh.
Innsidh an t-ionad sgeulachd an t-soithich a chaidh fodha air Biastan Thuilm aig beul Loch Steòrnabhaigh tràth sa mhadainn Là na Bliadhna Ùire 1919, agus na chailleadh innte.
Chaidh còrr agus 200 maraiche - eileanaich sa chuid as motha dhiubh - a bha a' tighinn dhachaigh bhon Chogadh Mhòr.
"Mòr-thubaist Dha-rìribh"
'S ann air Cidhe 1 ann an Steòrnabhagh a thathas airson an t-ionad a thogail.
"'S ann mun seo a chleachd seann Chaisteal Steòrnabhaigh a bhith uaireigin," thuirt Maighstir Chala Steòrnabhaigh, Alasdair Mac a' Ghobhainn.
"Ach dh'feumamaid a dhèanamh cinnteach an toiseach gun robh e làidir gu leòr, agus gum b' urrainn dha rud a bhith air a thogail ann an seo.
"Tha fios againn a-nis gun gabhadh a dhèanamh an seo, ach tha tòrr romhainn fhathast mus tachair sin," thuirt e.
Thòisich an obair airson Ionad an Iolaire a stèidheachadh ann an 2018.
Chuir Covid, am measg eile, maill air an obair, ach tha an sgioba air cùl a' phròiseict dòchasach gun gabh adhartas mòr dèanamh am-bliadhna.
Thèid farpais ailltireachd a chumail am-bliadhna feuch dè seòrsa togalaich a bu chòir a thogail.
"Tha sinn a-niste aig ìre far an urrainn dhuinn gluasad air adhart le dealbhachadh coincheip, agus beachd a ghabhail dè seòrsa togalaich a dh'fhaodadh a bhith air a thogail air an làraich an seo aig Cidhe 1," thuirt Manaidsear a' Phròiseict, Lynne NicÌomhair.
"Tha sinn cuideachd a' coimhead ris na h-ìrean tràth de na thachras am broinn an togalaich.
"Beagan dealbhachaidh ghnìomha, dè na dh'fhiosraicheas luchd-tadhail ann, agus cuideachd mar a nì sinn ceangal eadar an làrach agus na coimhearsnachdan agus na bailtean air an tug an tubaist buaidh," thuirt i.
Chaidh iarraidh air an luchd-ciùil Julie Fowlis agus Donnchadh Siosalach ceòl ùr a chruthachadh airson an taisbeanaidh a bhios ann.

Chaidh an Iolaire fodha tràth Là na Bliadhna Ùire 1919 le 205 de na bh' air bòrd gan call.
Tha rannsachadh acadaimigeach ùr mu bhuaidh tubaist an Iolaire air a' choimhearsnachd gu bhith mar phàirt dheth cuideachd.
Choimhead an t-Oll. Marjory Harper, a tha na h-òraidiche eachdraidh aig Oilthigh Obar Dheathain agus Colaiste UHI Dhòrnaich, gu sònraichte ri clàran Eaglais Shaor na h-Alba dham buineadh cha mhòr trì chairteal den fheadhainn a chailleadh.
"Is coltach gun robh leisg air daoine san fharsainneachd na bhathas a' faireachdainn mun chùis a chur an cèill," thuirt i.
"Agus saoilidh mi gur e aon eileamaid dheth seo, am faireachdainn a bh' ann gur e rud a bh' anns na thachair air an Iolaire - gur e mòr-thubaist dha-rìribh a bh' ann - ach gun tàinig e an teis-mheadhain mhòr-thubaistean eile, agus mar sin dheth nach bu chòir cùis shònraichte fa-leth a dhèanamh dheth.
"Mar eisimpleir, thàinig tubaist an Iolaire aig deireadh a' chogaidh - cogadh anns an robh Leòdhas air uiread de dhaoine a chall.
"Thàinig e aig an aon àm 's a thàinig pandemic mòr a' flù.
"Bha e air tè de ghrunn thubaistean.
"Saoilidh mi gur e sin aon eileamaid a bh' air cùlaibh mar nach deach barrachd a dhèanamh dheth, mar gum biodh," thuirt i.
Bidh an rannsachadh sin air fhighe a-steach gu sgeulachd an Iolaire anns an ionad ùr.
"Feumaidh mi a ràdh, nuair a bha mise a' fàs, gun robhas a' bruidhinn air," thuirt Mgr Mac a' Ghobhainn.
"Bha mise a' cluinntinn mu dheidhinn, 's bha leabhar againn anns an taigh mu dheidhinn, ach cha d' fhuair sinn tòrr mu dheidhinn san sgoil 's mar sin.
"Agus a-nis mar a tha còrr air ceud bliadhna air a dhol seachad, na daoine a bh' ann chan eil iad ann an-diugh agus chan eil e cho furasta dha daoine ceangal is tuigse a bhith aca.
"So bhiodh e math nam biodh àite mar seo ann.
"Chunnaic sinn an rud a chaidh a dhèanamh leis an fhiodh thall an sin ann an cumadh an Iolaire.
"Thòisich barrachd dhaoine a' bruidhinn mu dheidhinn an uairsin, ach chan e rud seasmhach a tha sin ann, 's chan eil ann ach rud a bh' ann airson bliadhna no dhà, agus bhiodh e math dha-rìribh nam biodh togalach agus taigh-tasgaidh ann a dh'aona-ghnothach," thuirt e.
Tha dùil ri buannachd mhòir eaconomaich an cois an taighe-tasgaidh nuair a thathas ga thogail, agus nuair a bhios e deiseil, le cosnadh ann do mu 15 duine.
Mar phàirt den obair-deasachaidh bidh iad a' dol air ais dhan choimhearsnachd am-bliadhna a shireadh am beachdan air na dh'iarradh iarsan airson an sgeilachd chudromach seo a mhìneachadh agus a chumail an cuimhne ghinealaichean ri thighinn.