100 bliadhna bho chall na h-Iolaire
- Air fhoillseachadh

Bha caismeachd ann an Steòrnabhagh oidhche Luain
Thathas a' comharrachadh ceud bliadhna bho chaidh an Iolaire fodha, a' marbhadh 201 seòladair à Leòdhas agus na Hearadh a bha a' tilleadh dhachaigh às dèidh a' Chogaidh Mhòir.
Bhual an soitheach ann am Biastan Thuilm, faisg air beul Loch Steòrnabhaigh, tràth sa mhadainn Là na Bliadhna Ùire 1919.
Thàinig 79 duine às beò.
Chaidh cuirm a chumail ann an Steòrnabhagh oidhche Luain ga chomharrachadh, agus chaidh faire a chumail aig làrach na tubaiste aig 1:50m, an t-àm a bhual an Iolaire anns na creagan.

Thèid seirbheis chuimhneachaidh a chumail aig Biastan Thuilm Dimàirt, le seirbheis eile air bòrd an MV Loch Seaforth, faisg air an làraich cuideachd, far an tèid blàthan-fleasgain a chur.
Bidh am Prionnsa Teàrlach agus Prìomh Mhinistear na h-Alba Nicola Sturgeon, an làthair ann an Steòrnabhagh.
Thèid seirbheisean eile a chumail ann an diofar sgìrean de Leòdhas is na Hearadh tron là Dimàirt agus Diciadain.
Tha prògraman tron là Dimàirt air BBC Radio nan Gàidheal a' comharrachadh call na h-Iolaire. Bidh prògram sònraichte An Là air BBC Alba aig 17:05 cuideachd.