Airgead calpa gus leasachadh an A9 a chrìochnachadh

A9Tùs an deilbh, Còmhdhail Alba
  • Air fhoillseachadh

Thèid airgead calpa a chleachdadh gus an A9 a dhèanamh dà-fhillte eadar Inbhir Nis is Peairt agus Riaghaltas na h-Alba cuideachd air dearbhadh gu bheil cosgais na h-obrach air èirigh gu cha mhòr £4bn.

A' bruidhinn aig Holyrood Diciadain ge-tà, thuirt Rùnaire na Còmhdhail gu bheil an riaghaltas fhathast an dùil gun tèid an obair a chrìochnachadh ro dheireadh 2035.

'S e sin an targaid ùr a stèidhich iad roimhe nuair a thàinig e am bàrr nach dèanadh iad an gnothach air an obair a dhèanamh ro 2025, mar a gheall iad sa chiad dol a-mach.

Nuair a chaidh an clàr-ama ùr fhoillseachadh ann an 2023, thuirt an riaghaltas gur e modail maoineachaidh measgaichte a chleachdadh iad is gun tigeadh cuid den airgead tro mhaoineachadh phrìbhideach is modail air a bheil MIM.

Bha dùil aig an àm sin gun cosgadh an obair air fad timcheall air £3.7bn.

A' bruidhinn ri buill feasgar Diciadain, thuirt Fiona Hyslop gu bheil dùil a-nise gun cosg an obair £3.97bn.

Thuirt i ge-tà, a' toirt a-steach na h-atmhorachd, gu bheil seo fhathast taobh a-staigh na bhathas a' tomhas a chosgadh an obair bho thùs.

Thuirt i gu bheil dùil a-nise gun cosgadh cùmhnantan MIM 28% a bharrachd na cùmhnantan calpa, seach 16% a bharrachd mar a bha dùil ann an 2023.

"Chaidh co-dhùnadh mar sin nach biodh luach an airgid ann le cùmhnantan MIM a chleachdadh an taca ri mar a gheibheadh sinn le cùmhnantan calpa.

"Mar sin 's e cùmhnantan calpa a chleachdas an riaghaltas gus am pròiseact seo a chrìochnachadh," thuirt i.

Tha i ag ràdh gu bheil dùil gum bi 50% den A9 eadar Peairt is Inbhir Nis dà-fhìllte ro dheireadh 2030, 67% ro dheireadh 2032, is 100% aig deireadh 2035.

Bha tè-labhairt nan Tòraidhean air còmhdhail, Sue Webber BPA, am measg na rinn càineadh air an riaghaltas.

"Ciamar as urrainn do dhuine gealltanasan Rùnaire na Còmhdhail a chreidsinn nuair a tha am pàrtaidh aice air gealltanasan mun rathad riatanach seo a bhriseadh cho tric", thuirt i.

"Fàilligeadh uabhasach"

Aig an dearbh àm, gheall Rùnaire an Ionmhais às ùr gun tèid an A96 a dhèanamh dà-fhillte.

Bha connspaid ann an t-seachdain seo chaidh is BPA na sgìre, Fearghas Ewing, a bha roimhe na mhinistear ann an riaghaltas an SNP is a tha a-niste na neo-eisimeileach, ag ràdh gum faca esan pàipearan a bha a' dearbhadh nach robh airgead ann airson leasachadh an A96.

Thog Mgr Ewing cuideachd nach tuirt pàipearan a nochd còmhla ris a' bhuidseat Dimàirt gun tèid an rathad air fad a dhèanamh dà-fhìllte.

Thuirt Shona Robinson gur e mearachd a bu choireach is gun deach na pàipearan a chur ceart.

Thuirt Mgr Ewing gur e "mearachd a dhèanadh balach-sgoile" a bha sin, is am BPA Tòraidheach Dùghlas Ros ag ràdh gur e "fàilligeadh uabhasach" a bh' ann.