Riaghaltas "gun airgead" 'son an A96 a leasachadh

Fearghas Ewing
Fo-thiotal an deilbh,

Bha Fearghas Ewing roimhe na mhinistear ann an riaghaltas an SNP

  • Air fhoillseachadh

Chan eil airgead aig Riaghaltas na h-Alba airson an A96 a leasachadh, a rèir Ball-pàrlamaid Inbhir Nis is Inbhir Narann, Fearghas Ewing.

Tha Mgr Ewing a bha na bhall neo-eisimeileach, ag ràdh gun d' fhuair e pàipearan a tha a' sealltainn nach deach airgead sam bith a chomharrachadh airson a' phròiseict, a dh'aindeoin ghealltanasan.

Bha Mgr Ewing roimhe na mhinistear ann an riaghaltas an SNP, ach dh'fhàg e am pàrtaidh 's e air an càineadh 'son maill ann an leasachaidhean bun-structair aig tuath.

Thuirt e gun d' fhuair e pàipearan le comhairle a thug seirbheisich chatharra do Rùnaire na Còmhdhail sa Mhàrt 2023.

Anns na pàipearan sin tha e ag ràdh nach deach airgead a chomharrachadh a bheireadh ìrean ceannaich no togail leasachadh an A96 air adhart, fiù 's suas gu 2031.

Thuirt Riaghaltas na h-Alba nach eil an seasamh aca a thaobh an A96 air atharrachadh, 's gu bheil iad mar thà air tòiseachadh air pròiseas gus an rathad a dhèanamh dùbailte eadar Inbhir Nis is Inbhir Narann.

"Cleith comhairle"

Chaidh seach-rathad a ghealltainn do dh'Inbhir Narann ann an 2011 ge-tà, tha Mgr Ewing ag ràdh.

"Tha iad air a bhith a' cleith comhairle a th' air a bhith aca 's a tha ag ràdh gur ao-coltach gum bi airgead sam bith ann airson seach-rathad Inbhir Narann a thogail air an deichead seo," thuirt e.

"'S e naidheachd iongantach dha-rìribh a tha sin.

"Tha e a' sealltainn gu bheil iad ag ràdh aon rud ris a' phoball, agus fhios aca gu bheil rud eile, dha-rìribh, fìor."

Tha Riaghaltas na h-Alba ag ràdh nach eil "an seasamh air atharrachadh".

Ann am brath-naidheachd thuirt iad: "Tha sinn a' cur ar làn-taic ri dùblachadh an A96 agus tha sinn air tòiseachadh mar thà air an rathad à Inbhir Nis gu Inbhir Narann a dhùblachadh, a' toirt a-steach seach-rathaid do dh'Inbhir Narann, agus sinn air am fearann a cheannach ann an 2025.

"Thèid co-dhùnaidhean san àm ri teachd mun t-slighe air adhart airson an A96 a chumadh leis na buidseatan a tha rim faighinn, le buaidh orra sin aig buidseat an fhoghair aig Riaghaltas Bhreatainn, agus buidseat is ath-sgrùdadh cosgais Riaghaltas na h-Alba ris a bheil dùil air an 13mh là den Fhaoilleach 2026."

Thuirt Còmhdhail Alba:

"Tha pròiseas dùblachaidh an A96 o Inbhir Nis gu ruige Inbhir Narann air tòiseachadh mar thà.

"Agus, tha sinn fo làn-ghealltanas an A96 a dhèanamh dà-fhillte air fad, a' toirt a-steach seach-rathaid do dh'Inbhir Narann. Chan eil an caochladh idir fìor.

"Tha sinn an-dràsta fhèin a' co-dhùnadh dè an roghainn solair a bu iomchaidh dhan phròiseact. Aon uair 's gu bheil sin ullamh, faodar clàr-ama a stèidheachadh airson nan ath cheumannan.

"Gheall rùnaire a' chaibineit fiosrachadh a chumail ris a' Phàrlamaid, agus troimhpe muinntir ear-thuath na h-Alba, cho luath 's a ghabhas."

Thuirt am Prìomh Mhinister, Iain Swinney, gu bheil an Riaghaltas "buileach fo ghealltanas seach-rathad a thoirt do dh'Inbhir Narann, agus an dùblachadh air an A96 eadar Inbhir Nis is Inbhir Narann, agus tha sinn fo ghealltanas gu dearbha an A96 gu lèir a dhùblachadh.

"Cuiridh sinn na gnothaichean ionmhais an cèill sa bhuidseat Dimàirt," thuirt e.