Ceistean mu mhaoineachadh 'son leasachadh an A9

Ro-dhealbh de leasachadh an A9 aig an Tom AitinnTùs an deilbh, Còmhdhail Alba
  • Air fhoillseachadh

Chuir cion aonta mun t-seòrsa mhaoineachaidh 's dè am maoineachadh a bha ri fhaighinn ris a' mhaill a dh'fhàg nach deach an A9 a leasachadh ro 2025 mar a bhathas ag amas.

Thuirt aithisg a rinn Comataidh nan Athchuingean Poblach aig Pàrlamaid na h-Alba gu bheil dragh air a' chomataidh a thaobh co-dhiù bi maoineachadh ri fhaighinn nuair a bhios feum air airson an ceann-ùine ùr de 2035 a choileanadh.

Thàinig an aithisg an dèidh rannsachadh na Comataidh air mar a tha dol dhan obair airson an A9 a dhèanamh dà-fhillte air fad eadar Inbhir Nis agus Peairt.

Chaidh an rannsachadh iarraidh an dèidh athchuinge a fhuair a' chomataidh bho bhall den phoball.

Fhuair an aithisg gun do chuir draghan a nochd uair is uair thairis air grunn bhliadhnaichean ris a' chunnart nach deadh an ceann-ùine a choileanadh.

Bha dragh ann cuideachd mu chion soillearachd agus conaltraidh taobh a-muigh Còmhdhail Alba mu na dùbhlain a bha ron phròiseact, 's fhuair an aithisg gum faodadh sin earbsa a' phobaill ann an comas na buidhne pròiseactan mòra bun-structair a lìbhrigeadh a mhilleadh.

Dleastanas Fosgailteachd

An A9 ri taobh Abhainn TathaTùs an deilbh, Còmhdhail Alba
Fo-thiotal an deilbh,

Bha Riaghaltas na h-Alba an toiseach ag amas air 2025 mar cheann-ùine airson an obair a bhith deiseil

Mhol a' chomataidh gun tèid Dleastanas Fosgailteachd a chur an lùib phròiseactan mòra gus an tig dùbhlain dhan fhollais nas luaithe.

"Tha an A9 air leth cudromach do dh'eaconomaidh na h-Alba agus don turasachd," thuirt Fear-Gairm na Comataidh, Jackson Carlaw BPA.

"Ach chan ann a-mhàin dhan eaconomaidh a tha leasachadh an A9 cudromach, ach cuideachd do shàbhailteachd a h-uile duine a chleachdas an rathad.

"Tha cus dhaoine air am beatha a chall air an rathad seo, agus tha smuaintean na comataidh le teaghlaichean an fheadhainn sin.

"Tha e soilleir don chomataidh gu bheil cion soillearachd a thaobh na tha de mhaoineachadh ri fhaighinn air fàgail, gu bunaiteach, chan e a-mhàin nach deach am pròiseact seo a choileanadh ann an àm, ach gun robh fàiligeadh na b' fharsainne ann a thaobh fosgailteachd mu na dùbhlain a bha mu choinneimh a' phròiseict.

"Leis an fhìrinn innse, cha ghabh daoine a tha a' fuireach 's ag obair ann an ceann a tuath na h-Alba ri seo idir.

"Ged a chaidh ceann-ùine ùr a chur mu choinneimh a' phròiseict le Rùnaire a' Chaibineit, tha mar a tha maill air leasachadh earrann an Tom Aitinn chun na Mòighe den A9 gar fàgail le ceist co-dhiù chaidh leasannan on àm a dh'fhalbh ionnsachadh."

Comataidh Shònraichte

Dh'iarr an aithisg cuideachd gun tèid comataidh shònraichte phàrlamaid a stèidheachadh airson sùil a chumail air pròiseactan mòra bun-structair Riaghaltas na h-Alba - gu h-àraid nuair a tha dùil gun lean na pròiseactan seo thairis air grunn seiseanan pàrlamaid.

"Tha a' chomataidh gu làidir den bheachd gum feumar dleastanas fosgailteachd a thoirt a-steach airson pròiseactan mòra mar seo ach an tèid fiosrachadh a chumail chan ann a-mhàin ris a' Phàrlamaid ach ris a' phoball mun adhartas a thathas a' dèanamh.

"Dh'iarramaid cuideachd gum biodh comataidh phàrlamaid ga stèidheachadh airson sùil a chumail air pròiseactan mòra bun-structair.

"Cuidichidh seo ann a bhith a' dèanamh cinnteach nach fhàiligear na daoine a tha an eisimeil an A9 a-rithist."

Dh'iarr a' chomataidh air Riaghaltas na h-Alba coimhead ri bhith a' stèidheachadh cuimhneachain iomchaidh dhaibhsan a chaill am beatha air an A9, mar a chaidh iarraidh anns an athchuinge a fhuair iad.