Ghluais Na Stàitean Aonaichte sgiobair tancair a-mach à uisgeachan Bhreatainn

Cuid den chriutha a' fàgail taigh-òsta ann am Moireibh
- Air fhoillseachadh
Chaidh sgiobair agus ciad-oifigear tancair-ola a bha a' seòladh fo bhrataich Ruiseanaich a ghluasad a-mach à uisgeachan na Rìoghachd Aonaichte le Maoir-chladaich nan Stàitean Aonaichte.
Tha an tancair, am Marinera, air a bhith air acair far chosta Mhoireibh on thug na h-Aimeireaganaich an greim i deas air Innis Tìle air an 7mh den Fhaoilleach.
Dh'innis Roinn Ceartais nan Stàitean Aonaichte gu bheil an sgiobair, Avtandil Kalandadze, agus a cho-obraiche nach deach ainmeachadh a-nise air bòrd a' bhàta Aimeireaganaich Munro.
Tha an còrr den chriutha - 26 duine - air iarraidh an Rìoghachd Aonaichte fhàgail gu saor-thoileach.
Thathas a' tuigsinn gur ann às an Ruis, na h-Innseachan, Georgia is an Ucràin a tha iad.
Bha iad air an cumail aig taigh-òsta ann am Moireibh le oifigich in-imriche.
Tha planaichean gan dealbh an-dràsta gus còignear dhiubh a sgèith à Alba dha na Stàitean Aonaichte agus an còrr dha na dùthchannan dham boin iad.
Nas tràithe chaidh buidheann de dh'fhireannaich fhaicinn is iad a' fàgail taigh-òsta ann an Eilginn, faisg air RAF Inbhir Losaidh.

Am Marinera air acair an Linne Mhoireibh le bàta Mhaoir-chladaich nan Stàitean Aonaichte ri a taobh
Nas tràithe bha oidhirp ann bho luchd-lugha às leth bean an sgiobair a bha ag amas air a chumail fo smachd chùirtean na h-Alba
'S e argamaidean luchd-lagha Natia Dzadzama gun robh còir aig an duine aice, a tha na shaoranach Georgia, a bhith air a dhìon le cùirtean na h-Alba agus laghan chòraichean daonna Eòrpach.
Thuirt am britheamh nach robh coltas ann gun robh leithid de chumhachd aige òrdugh a thoirt an aghaidh riaghaltais chèin.
Thuirt Àrd-neach-lagha a' Chrùin an Alba, Ruth Charteris KC: "Chan eil Oifis a' Chrùin no Ministearan na h-Alba aig àm sam bith air duine den chriutha no an sgiobair no a' chiad-oifigear a chumail an grèim no a chumail fo smachd."
Thuirt am fear-lagha Aamer Anwar, a tha a' riochdachadh bean an sgiobair, gu bheil a' chùis air "ceistean mòra bun-reachdail is laghail" a thogail.
"Cha ghabh an t-ath-bhreithneachadh laghail a thug Natia Dzadzama a-nise a chur an sàs oir chaidh, ann an da-rìribh, an duine aice a thoirt am bruid le Riaghaltas nan Stàitean Aonaichte air ranntair na h-Alba is Bhreatainn."
Thuirt Washington roimhe gu bheil na rinn iad laghail, aus chuir iad às leth a' Mharinera gun robh i a' briseadh smachd-bhannan le bhith a' giùlain ola às leth Bhenesuèla, na Ruis agus Iorain.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh14 Am Faoilleach

- Air fhoillseachadh8 Am Faoilleach
