"Dragh mòr" air Swinney is am Marinera air acair an Linne Mhoireibh

- Air fhoillseachadh
Thuirt am Prìomh Mhinistear, Iain Swinney, gu bheil "dragh mòr" air nach deach fios a chur air mus do chuir tancair le ceangal ri Bhenesuèla acair ann an Linne Mhoireibh.
Sheall dealbhan am Marinera, a chaidh a chur an grèim leis na h-Aimeireaganaich le taic bho Bhreatainn sa Chuan Shiar an t-seachdain a chaidh, air acair ri taobh bhàtaichean-slaodaidh agus soitheach Mhaoir-Chladaich nan Stàitean Aonaichte.
Tha Mgr Swinney ag ràdh gun cuala esan mun t-suidheachadh tro sgeulachdan sna meadhanan, 's gun robh còir aige fiosrachadh fhaighinn ro làimh bho Riaghaltas Bhreatainn.
Costa siar na h-Alba na "sreath toisich" an aghaidh Mhoscow, a rèir BP nan Eilean Siar
- Air fhoillseachadh8 Am Faoilleach
"Cogadh haibrid a' dol air adhart air ar stairsniche"
- Air fhoillseachadh8 Am Faoilleach
Thuirt ministearan an-dè gun robh stòras bìdh is uisge ga chur air bòrd airson a' chriutha mus lean i air a slighe.
Chaidh beachd iarraidh air Riaghaltas Bhreatainn mun dragh a th' air Mgr Swinney, ach thuirt an Riaghaltas nach eil iad an sàs gu dìreach ann a bhith a' cur stuthan air bòrd a' Mharinera.
Tha Washington a' cur às leth a' Mharinera gun robh i a' briseadh smachd-bhannan le bhith a' giùlain ola airson Bhenesuèla, na Ruis agus Iran.
Bha an soitheach, air an robh an t-ainm Bella 1 roimhe, air a slighe à Bhenesuèla chun na Ruis nuair a chaidh feachdan Aimeireaganach air bòrd ga gabhail thairis deas air Innis Tìle Diciadain a chaidh.
Thathas a' tuigsinn gun deach raointean-laighe Bheinn na Bhaoghla, Steòrnabhaigh agus Inbhir Ùige a chleachdadh san iomairt.