Fàs san amharc air seirbheisean bus an sgìrean dùthchail

Ken Gowans na sheasamh aig stèisean nam busaichean an Inbhir Nis
  • Air fhoillseachadh

Tha Comhairle na Gàidhealtachd ag ràdh gu bheil an t-seirbheis bus aca a' soirbheachadh is gu bheil iad an dòchas a leudachadh a dh'aithghearr.

Thòisich an t-ùghdarras ionadail an t-seirbheis ann an 2023.

Thàinig fàs an-uiridh nuair a cheannaich iad a' chompanaidh bhusaichean ionadail D&E Coaches, is tha an t-ùghdarras ionadail air slighean ùra a thòiseachadh ann am baile Inbhir Nis anns na seachdainean mu dheireadh.

"Tha an t-seirbheis air a bhith gu math soirbheachail is tha sinn gu mòr airson a leudachadh," thuirt ceannard Comataidh a' Bhun-structair, Coinneach Gowans.

"Chuir sinn £6m gu aon taobh sa bhuidseat againn an-uiridh gu sònraichte airson busaichean a bharrachd a cheannachd is tha sinn ag obair air sin an-dràsta fhèin.

Thuirt an Comh Gowans gu bheil sùil aca air seirbheisean ann an sgìrean dùthchail a leasachadh.

"Mas urrainn dhuinn an t-seirbheis a leudachadh bhiodh sinn ag amas air sgìre gu math nas fharsaing a ruighinn.

"Ann an sgìrean dùthchail tha companaidhean coimeirsealta 's dòcha den bheachd nach eil e tarraingeach dhaibh seirbheisean a ruith, ach dhuinne chan ann mu dheidhinn prothaid a dhèanamh a bhiodh e ach seirbheis a thoirt seachad."

Bha an Comh Gowans a' bruidhinn is cuibhreachadh ùr £2 air faradh bus ga chur an sàs air a' Ghàidhealtachd, ann an Earra-Ghàidheal is Bòd, is ann am Moireibh bhon 23mh den Mhàrt.

Bha am Prìomh Mhinistear John Swinney ann an Inbhir Nis Diciadain airson leudachadh a' chuibhreachaidh fhoillseachadh.

Tha an sgeama, a bhios a' ruith airson bliadhna, ag amas air siubhal air busaichean a dhèanamh nas fhasa agus nas reusanta agus air barrachd dhaoine fhaighinn air còmhdhail phoblach.

Cumaidh e faradh inbheach aona shlighe aig £2 agus thèid airgead a thoirt air ais do na companaidhean le Còmhdhail Alba.

Thòisich an sgeama anns na h-Eileanan an Iar mar-tha.