Comhairle na Gàidhealtachd a' gabhail thairis D&E Coaches

Comhairle na Gàidhealtachd
  • Air fhoillseachadh

Dh'innis Comhairle na Gàidhealtachd gu bheil iad a' gabhail thairis na companaidh bhusaichean ionadail D&E Coaches mar phàirt de dh'oidhirp piseach a thoirt air còmhdhail phoblaich san sgìre.

Thuirt a' Chomhairle gum faigh iad làn-smachd air earrannan na companaidh, agus gun sàbhail sin airgead don sporran phoblach air a' cheann thall.

Tha an t-ùghdarras ionadail air a bhith a' ruith seirbheis bhus phoblaich o chionn dà bhliadhna, an dèidh atharrachaidhean san lagh a cheadaich a leithid.

Thuirt ceannardan na comhairle gu bheil iad air a bhith a' sàbhaladh airgid le bhith a' dèanamh sin, leis gu bheil e nas saoire na bhith a' cumail taic maoineachaidh ri companaidhean prìobhaideach airson slighean agus seirbheisean sgoile a ruith nach eil prothaideach gu coimearsalta.

Bho thòisich an t-seirbheis tha i air leudachadh mean air mhean, ach 's e leudachadh mòr a th' ann a bhith a' faighinn smachd air D&E Coaches.

Thuirt iad, an dèidh dhaibh dìcheall iomchaidh a chrìochnachadh airson dèanamh cinnteach gu bheil a h-uile càil mar a bu chòir, gu bheil iad an dùil a' chompanaidh a ruith mar a tha e an-dràsta.