
Thòisich seirbheis ùr bhusaichean Comhairle na Gàidhealtachd a' ruith sheirbheisean san sgìre.
Tha oifigich a' tomhas gun cùmhn an t-ùghdarras iondadail £1.4m sa bhliadhna le bhith a' ruith companaidh bhusaichean iad fhèin.
Tha a' Chomhairle air 12 bus a cheannach no fhaighinn air màl - an dàrna leth dhiubh le dà dheic - airson na companaidh ùire aca.
Dh'fhast iad cuideachd sgioba de dhràibhearan, agus tha seirbheisean a-niste air tòiseachadh air a' chiad fheadhainn de 10 slighean pìleat.
Nìthear tomhas air mar a thèid dha na slighean seo, le sùil air leudachadh san àm ri teachd.
'S e an t-amas aig a' Chomhairle ach seirbheisean do luchd-siubhail agus sgoilearan a lìbhrigeadh nas saoire na dheadh aig cùmhnantaichean prìobhaideach air a dhèanamh.
Thuirt cathraiche Comataidh na h-Eaconomaidh 's a' Bhun-structair, an Comh. Ken Gowans, gu bheil iad an dùil "sàbhalaidhean nach beag" a dhèanamh - a tha iad a' tomhas aig £1.4m sa bhliadhna, agus gun tèid aca air slighean earbsach agus seasmhach a lìbhrigeadh do choimhearsnachdan ionadail.