Sgoiltean fhathast dùinte air sgàth an t-sneachda

Digear beag a' glanadh sneacha far rathaidTùs an deilbh, Getty Images
  • Air fhoillseachadh

Cha bhi corr air 5,500 sgoilear air a' Ghàidhealtachd a' dol dhan sgoil a-rithist Diardaoin agus tòrr sgoiltean fhathast dùinte air sgàth an t-sneachda.

Am Moireibh tha dùil gum fosgail a' chuid as motha de sgoiltean.

Bidh a' chuid as motha de sgoiltean an Obar Dheathain a' fosgladh às ùr, thuirt comhairle a' bhaile.

Ann an Siorrachd Obar Dheathan bidh e an urra ri gach sgoil am fosgail iad an dèidh mar a bha a h-uile tè dùinte bho thoiseach na seachdain.

Bha còrr air 440 sgoil dùinte sa cheann a tuath de dh'Alba Diciadain.

Tha an obair glanaidh a' dol an dèidh sneachd mòr a mhair seachdain, ach tha rabhadh aimsire fhathast ann.

Thòisich rabhadh buidhe, taobh a-muigh airson sneachda agus deighe aig 22:00 Diciadain agus seasaidh e gu meadhan-là Dihaoine.

Ge-tà, chan eil dùil gum bi na h-uimhir de shneachd an taca ri na bha sna beagan làithean a dh'fhalbh.

An loidhne rèile le sneachd air ann am BrùraTùs an deilbh, NETWORK RAIL
Fo-thiotal an deilbh,

Thuirt Network Rail gur e an loidhne tuath air Brùra an earrann mu dheireadh a thèid a ghlanadh

Thuirt Network Rail gum biodh iad ag obair Diardaoin airson an loidhne eadar Inbhir Nis agus Inbhir Theòrsa a ghlanadh aig Brùra.

Tha Comhairle na Gàidhealtachd ag ràdh gu bheil cùisean doirbh air na rathaidean fhathast.

Bidh busaichean na comhairle a' ruith mar bu chòir.

Tha an A836 eadar Luirg agus Tunga dùinte le cathadh-làir.

Thuirt Trafaig Alba gu bheil na geataichean-sneachda dùinte aig Spideal Ghleann Sìth gu ruige Bràighe Mhàrr, eadar Drochaid a' Choillich agus Tom an t-Sabhail, agus aig Drochaid Uisge Dhàidh.

Dh'iarr Poileas Alba air daoine gun lean iad comhairle mu bhith a' siubhal.

Tha deigh gu bhith na chunnart fhathast le sileadh uisge air cabhsairean is rathaidean reòte, agus sneachd a th' air leaghadh beagan a' reòthadh às ùr.

Tha dùil ri sìde rud beag nas blàithe air an deireadh-sheachdain agus aig toiseach na h-ath-sheachdain.