Abairtean ailseabrachDè chaidh iarraidh ort a dhèanamh?

'S e abairt ailseabrach sa bheil mòran theirmean a th' ann an abairt ioma-theirmeach, gabhaidh a factaradh tro roinneadh sinteataig. Sìmplich abairtean logaritmeach le riaghailtean nan logaritimean.

Part ofMatamataigAbairtean agus fuincseanan

Dè chaidh iarraidh ort a dhèanamh?

Tha 'factaraich', 'fuasgail' agus 'obraich a-mach na freumhan aig rud' uile a' ciallachadh an aon rud. Faodaidh tu a dhol an sàs anns na ceistean seo gu lèir anns an aon dòigh. Ach bidh thu a' sgrìobhadh nam freagairtean ann an diofar dhòighean.

\(f(x) = 2{x^4} + 9{x^3} - 18{x^2} - 71x - 30\)

Factaraich \(f(x)\) gu lèir

\(\Rightarrow (x + 2)(x - 3)(x + 5)(2x + 1)\)

Fuasgail \(f(x) = 0\)

\(\Rightarrow x = - 2,x = 3,x = - 5,x = - \frac{1}{2}\)

Obraich a-mach na freumhan aig \(f(x)\)

\(\Rightarrow x = - 2,x = 3,x = - 5,x = - \frac{1}{2}\)

Càit a bheil \(f(x)\) a' gearradh an \(x\)-axis?

\(\Rightarrow ( - 2,0),(3,0),( - 5,0),\left( { - \frac{1}{2},0} \right)\)

Feuch gun leugh thu a' cheist a-rithist gus am bi thu cinnteach gun tug thu seachad am freagairt a chaidh iarraidh ort.