Abairtean triantanachdFoirmlean cur-ris

Cleachd foirmlean cur-ris/co-ionannachdan triantanachd gus abairtean triantanachd a shìmpleachadh/obrachadh a-mach. Fuasgail co-aontaran triantanachd le foirmle ceàrn dà-fhillte is fuincsean nan tonn.

Part ofMatamataigAbairtean agus fuincseanan

Foirmlean cur-ris

Nuair a bhios sinn a' cur-ris no a' toirt-air-falbh cheàrnan canaidh sinn ceàrn dà-fhillte ris an toradh. Mar eisimpleir, 's e ceàrn dà-fhillte a th' ann an \(30^\circ + 120^\circ\). Le àireamhair, obraichidh sinn a-mach:

\(\sin (30^\circ + 120^\circ ) = \sin (210^\circ ) = - 0.5\)

\(\sin (30^\circ ) + \sin (120^\circ ) = 1.366\,(gu\,3\,id.)\)

Tha seo a' sealltainn nach eil \(\sin (A + B)\) co-ionann ri \(\sin A + \sin B\). An àite sin, faodaidh sinn na co-ionannachdan a leanas a chleachdadh:

\(\sin (A + B) = \sin A\cos B + \cos A\sin B\)

\(\sin (A - B) = \sin A\cos B - \cos A\sin B\)

\(\cos (A + B) = \cos A\cos B - \sin A\sin B\)

\(\cos (A - B) = \cos A\cos B + \sin A\sin B\)

Bidh sinn a' cleachdadh nam foirmlean seo gus fuincseanan triantanachd a mheudachadh gus ar cuideachadh a' sìmpleachadh, no ag obrachadh a-mach, abairtean triantanachd dhen riochd seo.

Seo mar a bhios sinn a' dol an sàs sa cheist seo sa bheil dà phàirt:

Question

1. Sgrìobh \(75^\circ = 45^\circ + 30^\circ\) agus obraich a-mach an luach mionaideach aig \(\sin 75^\circ\)

2. Obraich a-mach an luach mionaideach aig \(\cos \left( {\frac{{7\pi }}{{12}}} \right)\)