Matamataig

Part ofLearn & revise

Sign In Banner

All your learning in one place

Add subjects and guides to My Bitesize to get learning quicker.

Dàimhean agus calculus

  • Co-aontaran ailseabrach

    Obraich a-mach nàdar is co-chomharran fhreumhan a’ cleachdadh an discriminant is a’ fuasgladh abairtean ioma-theirmeach. Fuasgail co-aontaran logaritmeach. Lorg puingean-trasnaidh eadar fuincseanan.

  • Co-aontaran triantanachd

    Fuasglaidh tu co-aontaran triantanachd an ceuman no ann an radianan a' cleachdadh CUST is am peiriad gus fuasglaidhean eile san rainse a lorg: ceàrnan dà-fhillte, ioma-fhillte is fuincsean nan tonn.

  • Diofarachadh

    Gabhaidh diofarachadh ann an abairtean ailseabrach is/no triantanachd a chleachdadh gus reatan atharrachaidh, puingean suidhichte is an nàdar obrachadh a-mach, no caisead no co-aontar tansaint don lùb

  • Iontagrachadh

    'S e iontagrachadh an inbhears aig diofarachadh abairtean ailseabrach is triantanachd co-cheangailte ri camagan is cumhachdan cleachd e gus co-aontaran diofarachail is iontagralan dearbhte fhuasgladh.

Abairtean agus fuincseanan

  • Abairtean ailseabrach

    'S e abairt ailseabrach sa bheil mòran theirmean a th' ann an abairt ioma-theirmeach, gabhaidh a factaradh tro roinneadh sinteataig. Sìmplich abairtean logaritmeach le riaghailtean nan logaritimean.

  • Abairtean triantanachd

    Cleachd foirmlean cur-ris/co-ionannachdan triantanachd gus abairtean triantanachd a shìmpleachadh/obrachadh a-mach. Fuasgail co-aontaran triantanachd le foirmle ceàrn dà-fhillte is fuincsean nan tonn.

  • Fuincseanan ailseabrach agus triantanachd

    Tha na riaghailtean bho eadar-shuidhichidhean graf air an cleachdadh gus sgeids a dhèanamh de fhuincseanan deribheatach, fuincseanan inbhearsach no fuinseanan co-cheangailte eile.

  • Bheactoran geoimeatrach

    Bidh bheactoran a' toirt cunntas air gluasad a thaobh cùrsa is meudachd. Faodar an cur-ris no an toirt-air-falbh gus bheactoran ùra a dhèanamh. Lorg an ceàrn eadar bheactoran leis an toradh scalair.

Cleachdadh

  • An loidhne dhìreach

    Lorg caisead, co-aontaran, trasnaidhean loidhneachan-meadhain, loidhneachan àirde is letheadairean ceart-cheàrnach a' cleachdadh eòlas air a' phuing-meadhain is loidhneachan co-shìnte/ceart-cheàrnach.

  • An cearcall

    Obrachaidh tu a-mach co-aontar cearcaill nuair a tha fios agad air an radius is air a' mheadhan. Seallaidh an discriminant nàdar trasnaidhean eadar dà chearcall no eadar loidhne is cearcall.

  • Òrdughan

    Dàimh tillteachais: òrdugh a bheir dhut ceangal eadar dà theirm leantainneach. Faodar an ceangal a chleachdadh gus an ath teirm/an teirm roimhe, co-èifeachdairean a tha a dhìth is a' chrìoch a lorg.

  • Diofarachadh

    Bidh sinn a' cleachdadh feàrrachadh ann a bhith ag obrachadh a-mach an luach as motha/lugha a bhios aig fuincsean. Cuideachd ag obrachadh a-mach reat-atharrachaidh le diofarachadh is ag ionadachadh.

  • Iontagrachadh

    Tha an fharsaingeachd os cionn agus fon x-axis agus an fharsaingeachd eadar dà lùb air obrachadh a-mach le bhith ag iontagrachadh, agus an uair sin a' luachadh bho chrìochan an iontagrachaidh.