Dàimhean tillteachais
Òrdughan stèidhichte air dàimhean tillteachais
Ann am matamataig, 's e seata de àireamhan le rian sònraichte a th' ann an òrdugh. Mar eisimpleir \(1,5,9,13,17\).
'S e cur-ris ceithir an riaghailt anns an òrdugh seo.
Canar teirm ri gach àireamh ann an òrdugh, agus tha e air a chomharrachadh a rèir an t-suidheachaidh aige san òrdugh. Bidh sinn gan sgrìobhadh mar seo.
- A' chiad teirm \({U_1} = 1\)
- An dara teirm \({U_2} = 5\)
- An treas teirm \({U_3} = 9\)
- An nmh teirm \({U_n}\)
Tha dà dhòigh ann air an t-òrdugh gu h-àrd a chruthachadh.
Dòigh 1
Faodaidh tu foirmle a chleachdadh airson an nmh teirm. 'S e \({U_n} = 4n - 3\) a bhiodh ann an seo. Le bhith a' cur-ris an aon shùim (an seo \(4\)) thèid gach teirm a chruthachadh. Mar sin bidh gach teirm na iomad de \(4 \Rightarrow 4n\).
Ach nuair a tha \(n = 1\) 's e \(1\) a' chiad teirm.
\(4(1) + ? = 1\)
\(4(1) - 3 = 1\)
Nuair a tha \(n = 1\), \({U_1} = 4(1) - 3 = 1\)
Nuair a tha \(n = 2\), \({U_2} = 4(2) - 3 = 5\) agus mar sin air adhart.
Dòigh 2
'S e a bhith a' cleachdadh dàimh tillteachais, far a bheil gach teirm air a chruthachadh bhon luach aig an teirm mu dheireadh, an dòigh eile air an t-òrdugh seo a chruthachadh.
Nuair a tha \(n = 1\), \({U_1} = 1\)
Nuair a tha \(n = 2\), \({U_2} = 1 + 4 = 5\)
Nuair a tha \(n = 3\), \({U_3} = 5 + 4 = 9\)
Mar sin 's e \({U_{n + 1}} = {U_n} + 4\) an dàimh tillteachais a bhiodh ann. Dh'fheumadh an luach tòiseachaidh \({U_1}\), a bhith dearbhte. Cuimhnich gum faod \({U_0}\) cuideachd a bhith na luach tòiseachaidh.
Eisimpleir de dhàimh tillteachais
Question
Tha òrdugh air a mhìneachadh leis an dàimh tillteachais \({U_{n + 1}} = 3{U_n}\) agus tha \({U_0} = 1\).
a) Obraich a-mach a' chiad còig teirmean san òrdugh.
b) Obraich a-mach foirmle le \({u_n}\).
a) \({U_{n + 1}} = 3{U_n}\)
\({U_0} = 1\)
\({U_1} = 3 \times {U_0} = 3 \times 1 = 3\)
\({U_2} = 3 \times {U_1} = 3 \times 3 = 9\)
\({U_3} = 3 \times {U_2} = 3 \times 9 = 27\)
\({U_4} = 3 \times {U_3} = 3 \times 27 = 81\)
Mar sin 's e an t-òrdugh \(1,3,9,27,81...\)
b) Tha cumhachdan de 3 againn.
\(3 = {3^1}\) teirm 1
\(9 = {3^2}\) teirm 2
\(27 = {3^3}\) teirm 3 msaa.
Mar sin \({U_n} = {3^n}\)