A' fuasgladh dàimhean tillteachais loidhneach
Leudachadh
Tha òrdugh air a mhìneachadh leis an dàimh tillteachais \({U_n} = m{U_{n - 1}} + c\)
Obraich a-mach na luachan aig \(m\) agus \(c\) ma tha \({U_1} = - 3\), \({U_2} = 7\) agus \({U_3} = 10\).
\({U_n} = m{U_{n - 1}} + c\)
An toiseach, obraich leis an dàimh tillteachais a chaidh a thoirt dhut agus ionadaich a-steach na luachan airson \({U_1}\), \({U_2}\) agus \({U_3}\)
\({U_2} = m{U_1} + c \Rightarrow 7\)
\(= m( - 3) + c \Rightarrow - 3m + c = 7\)
\({U_3} = m{U_2} + c \Rightarrow 10\)
\(= m(7) + c \Rightarrow 7m + c = 10\)
Fuasgail a-nis na co-aontaran \(- 3m + c = 7\) agus \(7m + c = 10\) gu co-amail.
\(- 10m = - 3\)
\(m = 0.3\)
\(7m + c = 10\). Ionadaich an luach seo airson \(m\) ann an aon dhe na co-aontaran gu h-àrd agus obraich a-mach luach \(c\).
\(7(0.3) + c = 10\)
\(c = 10 - 2.1\)
\(c = 7.9\)
Cleachd a-nis na luachan seo agus obraich a-mach \({U_4}\) agus \({U_0}\).
An toiseach, cuir na luachan aig \(m\) agus \(c\) dhan dàimh tillteachais, a' toirt \({U_n} = 0.3{U_{n - 1}} + 7.9\).
Cleachd a-nis an dàimh seo agus obraich a-mach \({U_4}\) agus \({U_0}\).
Gus \({U_4}\) obrachadh a-mach, cleachd \({U_3}\) agus gus \({U_0}\) obrachadh a-mach, cleachd \({U_1}\).
\({U_4} = 0.3{U_3} + 7.9\)
\(= 0.3(10) + 7.9\)
\(= 10.9\)
\({U_1} = 0.3{U_0} + 7.9\)
\(- 3 = 0.3{U_0} + 7.9\)
\(0.3{U_0} = - 3 - 7.9\)
\(0.3{U_0} = - 10.9\)
\({U_0} = - \frac{{109}}{3}\)
\({U_4} = 10.9\) agus \({U_0} = - \frac{{109}}{3}\)
Question
Tha fios againn san òrdugh \(20,15,12.5...\) gu bheil dàimh tillteachais \({U_{n + 1}} = a{U_n} + b\) ann.
Obraich a-mach \(a\) agus \(b\).
A' cleachdadh \({U_1} = 20\) agus \({U_2} = 15\) gheibh thu \(15 = 20a + b\) agus a' cleachdadh \({U_2} = 15\) agus \({U_3} = 12.5\) gheibh thu \(12.5 = 15a + b\).
Tha fuasgladh co-amail a' toirt dhut \(a = 0.5\) agus \(b = 5\).