Sgilean ailseabrach
A' fuasgladh abairtean ioma-theirmeach
Faodaidh tu abairtean ioma-theirmeach ath-sgrùdadh ann an Abairtean agus fuincseanan.
Bidh sinn a' fuasgladh abairtean ioma-theirmeach le ailseabra gus na freumhan a dhearbhadh - far am bi lùb a' gearradh an \(x\)-axis.
Tha freumh fuincsean ioma-theirmeach, \(f(x)\), na luach airson \(x\) far a bheil \(f(x) = 0\).
Faodaidh gum feum sinn abairtean ioma-theirmeach fhuasgladh anns na dòighean a leanas:
- Fuasgail \(f(x) = 0\)
- Lorg na freumhan aig \(f(x)\)
- Lorg far a bheil \(f(x)\) a' gearradh an \(x\)-axis
Eisimpleir 1
Lorg na freumhan aig \({x^3} + 4{x^2} + x - 6 = 0\)
Fuasgladh
An toiseach, feumaidh sinn an àireamh obrachadh a-mach a bheir dhuinn am freagairt neoni nuair a thèid ionadachadh a-steach do cho-aontar.
\(f(1) = {(1)^3} + 4{(1)^2} + (1) - 6 = 0\)
Mar sin 's e factar a th' ann an \((x - 1)\).
Factaraich an ceàrnanach gus am bi an abairt air a factaradh gu h-iomlan.
\((x - 1)({x^2} + 5x + 6) = 0\)
\((x - 1)(x + 3)(x + 2) = 0\)
\(x - 1 = 0\,mar\,sin\,x = 1\)
\(x + 3 = 0\,mar\,sin\,x = - 3\)
\(x + 2 = 0\,mar\,sin\,x = - 2\)
Mar sin tha na freumhan ann nuair a tha \(x\) = -3, -2 agus 1.
Eismpleir 2 (leudachadh)
Fuasgail: \(2{x^4} + 9{x^3} - 18{x^2} - 71x - 30 = 0\)
Fuasgladh
An toiseach, feumaidh sinn an àireamh obrachadh a-mach a bheir dhuinn am freagairt neoni nuair a thèid ionadachadh a-steach do cho-aontar.
\(f(1) = 2{(1)^4} + 9{(1)^3} - 18{(1)^2} - 71(1) - 30 = - 108\)
\(f( - 1) = 2{( - 1)^4} + 9{( - 1)^3} - 18{( - 1)^2} - 71( - 1) - 30 = 46\)
\(f(2) = 2{(2)^4} + 9{(2)^3} - 18{(2)^2} - 71(2) - 30 = - 140\)
\(f( - 2) = 2{( - 2)^4} + 9{( - 2)^3} - 18{( - 2)^2} - 71( - 2) - 30 = 0\)
Mar sin 's e factar a th' ann an \((x + 2)\).
\((x + 2)(2{x^3} + 5{x^2} - 28x - 15) = 0\)
A-nis, feumaidh sinn an aon rud a dhèanamh gus am bi an abairt air a factaradh gu h-iomlan.
\(f(3) = 2{(3)^3} + 5{(3)^2} - 28(3) - 15 = 0\)
Mar sin 's e factar a th' ann an \((x - 3)\).
Factaraich an ceàrnanach gus am bi an abairt air a factaradh gu h-iomlan.
\((x + 2)(x - 3)(2{x^2} + 11x + 5) = 0\)
\((x + 2)(x - 3)(x + 5)(2x + 1) = 0\)
\(x + 2 = 0\,mar\,sin\,x = - 2\)
\(x - 3 = 0\,mar\,sin\,x = 3\)
\(x + 5 = 0\,mar\,sin\,x = - 5\)
\(2x + 1 = 0\,mar\,sin\,x = - \frac{1}{2}\)