'S e abairt ailseabrach sa bheil mòran theirmean a th' ann an abairt ioma-theirmeach, gabhaidh a factaradh tro roinneadh sinteataig. Sìmplich abairtean logaritmeach le riaghailtean nan logaritimean.
Glè thric, nuair a bhios tu a' factaradh abairt ioma-theirmeach, feumaidh tu feuchainn a-rithist is a-rithist. Cuimhnich: mas e factar a th' ann an abairt, nuair a roinneas tu e le abairt ioma-theirmeach, bidh an còrr \(= 0\).
No ga chur ann an dòigh eile, \(f(x) = 0\).
Mar sin, mas e factar a th' ann an \((x - a)\) tha, \(f(a) = 0\).
Gus am freagairt obrachadh a-mach, feumaidh tu feuchainn an urrainn dhut an abairt ioma-theirmeach a roinn le factaran sìmplidh gus am faic thu dè am fear a bheir dhut neoni.