A' gabhail pàirt agus riochdachadh am measg bheag-bhuidhnean

Tha mion-bhuidhnean a' fàs nas cudromaiche ann am poilitigs nan SA.
Anns a' mhòr-chuid de dhùthchannan, chan eil na daoine as bochda cho buailteach pàirt a ghabhail ann am poilitigs. Anns na SA, gu h-eachdraidheil, chan eil a' chuid as motha de bhuidhnean mion-chinnidheach, a tha san fharsaingeachd nas bochda na a' mhòr-chuid gheal, cho buailteach pàirt a ghabhail ann am poilitigs no a' bhòt aca a chleachdadh. Air an làimh eile, tha daoine geala nas buailtiche bhòtadh, agus seasamh mar thagraichean, a dhol an sàs ann am partaidh poilitigeach no pàirt a ghabhail ann an taghaidhean ionadail, stàiteil no nàiseanta.
Bha na h-iomairtean taghaidh aig Barack Obama airson a bhith na Cheann-suidhe soirbheachail, agus bha iad eadar-dhealaichte bho thaghaidhean roimhe sin anns na SA oir thug iad spionnadh do luchd-bhòtaidh dubh Ameireaganach, le mòran dhaoine ag iomairt a bharrachd air a bhith a' bhòtadh. Thug na ceudan mhìltean de shaor-thoilich airgead dhan iomairt, chuir iad còmhdhail air dòigh gu ionadan-bhòtaidh, ghabh iad pàirt ann an teachdaireachdan air a' fòn, no chuir iad dìreach am brath brosnachail Yes We Can
air meadhanan sòisealta. Bhòt 65% de dh'Ameireaganaich dhubha ann an taghadh a' Chinn-suidhe ann an 2008, an àireamh bu mhotha riamh.
Ann an taghadh a' chinn-suidhe ann an 2016, bha an àireamh a bhòt a rèir buidheann cinnidheach coltach ris na bliadhnachan ro Obama le Ameireaganaich gheala a' bhòtadh anns na ceudadan bu mhotha. Seach nach robh Obama ann an turas sin airson bhòtadh dha mar Cheann-suidhe, thuit bhòt dhubh Ameireaga seachd puingean sa cheud bho 2012. Ach ann an 2016, chuidich luchd-bhòtaidh dubh agus Iospàinnteach, còmhla ri barrachd Ameireaganaich gheala, a tha nas buailtiche bhòtadh dha na Poblachdaich, am Poblachdach Donald Trump gu buannachadh.
Anns an àm ri teachd, le mion-bhuidhnean a' tighinn gu bhith nan ceudad nas motha de dh'àireamh-sluaigh Ameireaga, agus le barrachd dhiubh a' bhòtadh, bidh mion-bhuidhnean nas cudromaiche ann a bhith a' co-dhùnadh cò an tagraiche agus na partaidhean a bhuannaicheas taghaidhean.
Na bhòt ann an taghaidhean ceann-suidhe nan SA ann an 2012, 2016 agus 2020 (%) a rèir buidheann cinnidheach
| Na bhòt / Cinneadh | 2012 | 2016 | 2020 |
| Geal | 64.1 | 65.3 | 70.9 |
| Dubh | 66.6 | 59.6 | 62.8 |
| Iospàinnteach | 48.0 | 47.6 | 53.7 |
| Àisianach | 47.1 | 48.4 | 59.1 |
| Na bhòt / Cinneadh | Geal |
|---|---|
| 2012 | 64.1 |
| 2016 | 65.3 |
| 2020 | 70.9 |
| Na bhòt / Cinneadh | Dubh |
|---|---|
| 2012 | 66.6 |
| 2016 | 59.6 |
| 2020 | 62.8 |
| Na bhòt / Cinneadh | Iospàinnteach |
|---|---|
| 2012 | 48.0 |
| 2016 | 47.6 |
| 2020 | 53.7 |
| Na bhòt / Cinneadh | Àisianach |
|---|---|
| 2012 | 47.1 |
| 2016 | 48.4 |
| 2020 | 59.1 |
Riochdachadh mhion-bhuidhnean
Anns an àm a dh'fhalbh bha mion-bhuidhnean air am fo-riochdachadh ann am poilitigs nan SA. Tha seo ag atharrachadh ged nach eile mion-bhuidhnean fhathast air an riochdachadh ann am poilitigs ann an co-rèir ris an àireimh-sluaigh.
'S e Kamala Harris an t-Iar-cheann-suidhe aig Joe Biden agus chleachd i a bhith na seanadair ann an California. 'S i a' chiad Iar-cheann-suidhe dubh agus Àisianach ann an Ameireaga, agus cuideachd a' chiad bhoireannach a bha na h-Iar-cheann-suidhe.
Caibineat a' Chinn-suidhe Joe Biden
Gheall an Ceann-suidhe Biden gur e an Caibineat aige am fear a bu mhotha eugsamhlachd ann an eachdraidh nan SA, agus gum biodh e a' riochdachadh na dùthcha ann an dòigh nas coileanta. An-dràsta, tha 55% de bhuill Caibineat nan SA nach eil geal, agus nam measg tha Lloyd Austin, Rùnaire an Dìon.
Mion-bhuidhnean ann am Mòr-dhail nan SA
Tha riochdachadh bho bhuidhnean mion-chinnidheach air cumail a' dol suas ann am Mòr-dhail nan SA. 'S e an 118mh Mòr-dhail (bho thaghadh na meadhan-ùine 2022) am fear as motha eug-samhlachd a thaobh cinneadh agus eitnigeachd ann an eachdraidh na dùthcha le 23% bho mhion-chinnidhean. Tha a' mhòr-chuid dhiubh seo nam buill dhen Phartaidh Dheamocratach (83%).
Ann an 2023, de 100 Seanadair bh' ann:
- bha 88 seanadair geal a-mhàin, ged nach eil Ameireaganaich gheala a' dèanamh suas ach 56% dhen àireimh-sluaigh
- 6 seanadairean Iospàinnteach, ged nach eil Ameireaganaich Iospàinnteach a' dèanamh suas ach 19.1% dhen àireimh-sluaigh
- 2 sheanadair Àisianach, ged nach eil Ameireaganaich Àisianach a' dèanamh suas ach 6.3% dhen àireimh-sluaigh
- tha 1 Innseanach Ameireaganach agus Tùsanach Alasga, ged nach eile iad a' dèanamh suas ach 0.2% dhen àireimh-sluaigh.
Ann an 2023, ann an Taigh nan Riochdairean (435 buill), bha:
- 313 luchd-mòr-dhail fireann is boireann geal, Ameireaganach a-mhàin (72% dhe na riochdairean gu lèir), ged nach eil Ameireaganaich gheala a' dèanamh ach 56% dhen àireimh-sluaigh
- 53 luchd-mòr-dhail fireann is boireann dubh is Ameireaganach (12.1%), ged a tha Ameireaganaich dhubha a' dèanamh suas 13.6% dhen àireimh-sluaigh
- 46 luchd-mòr-dhail fireann is boireann Iospàinnteach is Ameireaganach (10.5%), ged a tha Ameireaganaich Iospàinnteach a' dèanamh suas 19.1% dhen àireimh-sluaigh
- 14 luchd-mòr-dhail Àisianach Ameireaganach (3.2%), ged a tha Ameireaganaich Àisianach a' dèanamh suas 6.3% dhen àireimh-sluaigh.
A' Phrìomh Chùirt agus riochdachadh bhuidhnean beag-chuid
Tha naoi britheamhan Prìomh Chùirt ann. Ann an 2024, bha triùir bho bheag chinnidhean – Am britheamh Clarence Thomas, Am britheamh Sonia Sotomayor agus Am britheamh Ketanji Brown Jackson.
Riaghaltas stàite agus ionadail agus riochdachadh beag-chuid
Tha iomadh duine ann bho bhuidhnean beag-chuid cinnidheach a chaidh a thaghadh aig ìre stàite agus ionadail. Ach san fharsaingeachd, tha mion-bhuidhnean fhathast air am fo-riochdachadh aig na h-ìrean sin.
Am measg oifigearan bho mhion-bhuidhnean ionadail, tha:
- Riaghladairean mar Wes Moore, riaghladair dubh Ameireaganach ann am Maryland agus dìreach an treas Ameireaganach dubh a chaidh a thaghadh mar riaghladair ann an eachdraidh nan SA
- Àrd-bhàillidhean mar Randall Woodfin ann am Birmingham, Alabama agus Karen Bass ann an Los Angeles, California.