Atharraichean ri Bun-reachd nan SA
Chaidh iomadh atharrachadh cudromach a dhèanamh ri Bun-reachd nan SA.
Tha a' chiad deich Atharraichean air a' Bhun-reachd a' dìon a h-uile saorsa bunaiteach a th' aig na h-Ameireaganaich. Canar Bile nan Còraichean riutha sin. 'S dòcha gur e a' chiad, an dara agus an còigeamh atharrachadh as ainmeile dhiubh.
A' Chiad Atharrachadh
Congress shall make no law respecting an establishment of religion, or prohibiting the free exercise thereof; or abridging the freedom of speech, or of the press; or the right of the people peaceably to assemble, and to petition the Government for a redress of grievances.
Tha na h-Ameireaganaich a' creidsinn gu bheil saorsa labhairt is bheachdan riatanach ann an deamocrasaidh. Tha an cothrom deasbad a dhèanamh agus bhòtadh, cruinneachadh agus fianais-dhùbhlain a thogail, adhradh a dhèanamh agus ceartas a bhith ann dhan h-uile duine, an crochadh air labhairt agus fiosrachadh a bhith gun bhacadh.
Mar eisimpleir, ann an taghadh ceann-suidhe nan SA ann an 2024, cleachdaidh Kamala Harris agus Donald Trump a' chòir a th' aca saor-labhairt airson feuchainn ri toirt air saoranaich Ameireaga bhòtadh air an son. Bidh a' chòir labhairt le saorsa aig an dithis thagraichean aig ralaidhean iomairt nàiseanta, air an telebhisean agus air meadhanan sòisealta.
Tha an aon shaorsa aig buidhnean iomairt
pàirt a ghabhail ann am poilitigs, agus glè thric bidh buidhnean creideimh a' bruidhinn a-mach gu làidir a thaobh poilitigs ann an Ameireaga. Bidh Comann Nàiseanta nan Raidhfilean (The National Rifle Association no NRA) a' cleachdadh na saorsa a th' aca fon chiad Atharrachadh gus iomairt a dhèanamh airson còraichean ghunnaichean.
An Dara Atharrachadh
A well-regulated Militia, being necessary to the security of a free State, the right of the people to keep and bear Arms, shall not be infringed.

'S e atharrachadh connspaideach sa bhun-reachd a tha an seo a-nis agus e a' toirt na còir do shaoranaich Ameireaga gunna a bhith aca.
Bhuannaich Ameireaga Cogadh na Saorsa bho Bhreatainn ann an 1783 le feachd de shaoranaich. An dèidh a' chogaidh, bha cead aig na saoranaich na buill-airm a chumail. Bha gunnaichean agus raidhfilean aig an àm ud gu math sìmplidh.
An-diugh, tha e air chomas do dh'Ameireaganach uidheamachd armailteach gu math adhartach a cheannach. An dèidh iomadh mòr-mharbhadh le gunnaichean – chaidh còrr is 40,000 neach a mharbhadh le gunna ann an 2023 – tha cuid air a bhith ag iarraidh atharrachadh ann an laghan ghunnaichean agus fiù 's atharrachadh ùr anns a' bhun-reachd.
Tha tòrr taic agus maoineachaidh aig a' bhuidheann iomairt Comann Nàiseanta nan Raidhfilean (The National Rifle Association no NRA) agus tha iad an aghaidh atharrachadh dhe leithid. Bidh Iomairt Bhrady, air an làimh eile, a' cosg nam milleanan dholairean gach bliadhna a' moladh barrachd smachd air gunnaichean tro laghan nas làidire airson fòirneart le gunnaichean a bheagachadh.
An Còigeamh Atharrachadh
No person shall be held to answer for a crime, unless they have been judged by a jury (except in cases arising in time of war or public danger); nor shall any person be subject for the same offence to be twice put in jeopardy of life or limb; nor shall be compelled in any criminal case to be a witness against himself, nor be deprived of life, liberty, or property, without due process of law; nor shall private property be taken for public use, without just compensation.
Ma thèid a thoirt dhan chùirt, faodaidh saoranach ann an Ameireaga an Còigeamh a ghabhail
. Tha sin a' ciallachadh nach fheum e no i fianais a thoirt nan toireadh sin orra a bhith a' coimhead ciontach.
Ionad-cumail Guantanamo Bay
Tha connspaid air a bhith mu thimcheall Ionad-cumail Guantanamo Bay bho dh'fhosgail e ann an 2002. Tha mòran dhe na prìosanaich air an cumail an sin fhathast gun chùis-lagha cothromach le diùraidh.
Canaidh riaghaltas nan SA gur e luchd-sabaid nàimhdeil
a th' anns na fir a tha air an cumail ann an Guantanamo Bay. Ach, tha buidhnean chòraichean daonna mar Amnesty Eadar-nàiseanta a' cur droch dhìol chòraichean daonna às leth armailt nan SA a tha a' ruith a' champa.
Nuair a chaidh an Ceann-suidhe Obama a thaghadh, thuirt e gun dùineadh e an t-àite seo, ach cha deach aige air sin a dhèanamh. Ann an 2023, bha fhathast 35 fireannach anns an ionad-cumail. (Stòr: Amnesty International)