Siostam poilitigeach nan SADè na còraichean agus na dleastanasan a tha aig saoranaich nan SA?

Tha siostam poilitigeach nan SA stèidhichte air bun-reachd na dùthcha. Tha cumhachd air a sgaradh ann an diofar mheuran dhen riaghaltas airson a bhith cinnteach nach eil cus cumhachd aig duine sam bith. 'S e na Poblachdaich agus na Deamocrataich an dà phrìomh phartaidh poilitigeach.

Part ofNuadh-eòlasCumhachdan an t-saoghail: Na Stàitean Aonaichte

Dè na còraichean agus na dleastanasan a tha aig saoranaich nan SA?

'S e bhith a' dìon chòraichean nan daoine aon de dhreuchdan cudromach riaghaltas Ameireaga.

Tha Cùmhnant Neo-eisimeileachd Ameireaga ag ràdh gu bheil còraichean neo-atharrachail aig muinntir Ameireaga agus gum feum gach meur dhen riaghaltas spèis a thoirt dhaibh agus an dìon.

Tha e ag ràdh:

We hold these truths to be self-evident, that all men are created equal, that they are endowed by their Creator with certain inalienable rights, that among these are life, liberty and the pursuit of happiness.
The American Declaration of Independence

'S e aon dreuchd chudromach a tha aig riaghaltas nan SA a bhith a' dìon chòraichean muinntir Ameireaga. Tha na h-aon chòraichean aig a h-uile Ameireaganach ge bith cò iad.