Dè th' ann am Bun-reachd nan SA?
Coimhead a' bhidio seo a tha a' mìneachadh Bun-reachd nan SA agus na diofar mheuran de riaghaltas nan SA.
US Constitution
Tha còraichean muinntir Ameireaga sgrìobhte ann am Bun-reachd nan SA.

Tha còraichean sònraichte aig saoranaich Ameireaga agus tha iad sin air an comharrachadh sa bhun-reachd.
Tha na còraichean sin gu lèir sgrìobhte ann am Bun-reachd nan SA, a' Bun-reachdSgrìobhainn le iomradh air na riaghailtean air a bheil dùthaich air a ruith. sgrìobhte as sine air an t-saoghal.
Bun-reachd nan SA:
- 's e an lagh as àirde san dùthaich, agus tha a h-uile saoranach fon lagh sin
- tha e a' stèidheachadh ùghdarras an riaghaltas Fheadarail
- tha e a' toirt barantas do chòraichean bunaiteach nan saoranaich
- tha e a' suidheachadh modhan-obrach bunaiteach an riaghaltais
Tha Bun-reachd nan SA na bhunait do mhòran cho-dhùnaidhean laghail, reachdan, gnìomhan a' chinn-suidhe agus cleachdaidhean traidiseanta a th' air a bhith ann bho chionn 200 bliadhna.
Chaidh 27 atharrachadh a dhèanamh ris a’ bhun-reachd agus tha iad sin a' toirt barantas air saorsa agus còraichean pearsanta.