Dè na tha de bhuaidh eaconamach aig na SA?
'S e mòr-chumhachd eaconamach, chruinneil a th' ann an Stàitean Aonaichte Ameireaga, ged a tha a' bhuaidh eaconamach ga cur gu dùbhlan.

Ionad an Ionmhais, Wall Street, New York.
Anns na SA:
- tha an treas àireamh-sluaigh as motha air an t-saoghal (341 millean) ann an 2024
- b' e am mòr-thoradh dùthchail (GDP) ann an 2022 $25.44 trillean; bha Sìona anns an dara àite le $17.96 trillean
- b' e am GDP gach neachFaodar coimhead air Mòr-thoradh Dùthchail no GDP gach neach mar thomhas farsaing air cor beòshlaint cuibheasach ged nach eil e a' coimhead air an dòigh anns a bheil GDP air a sgaoileadh thar an t-sluaigh gu lèir. ann an 2022 $76,329 gach neach, fear dhen fheadhainn as motha san t-saoghal leasaichte
Tionnsgalachd anns na SA
Tha mòran entrepreneuraichean a' fuireach anns na SA agus tha iad air tòrr bathar ìomhaigheach a chruthachadh a tha daoine ag iarraidh air feadh an t-saoghail, mar Apple, Coca Cola, McDonald's agus Facebook. Am measg prìomh chompanaidhean eile an t-saoghail tha Microsoft, Amazon agus Tesla.
Cobhair eadar-nàiseanta
'S e na SA cuideachd as motha a tha a' toirt seachad de chobhair eadar-nàiseanta:
- Ann an 2021, thug na SA $12.5 billean dha na Dùthchannan Aonaichte; tha na SA a' toirt 22% de bhuidseat àbhaisteach an UN dhaibh.
- Ann an 2023, chaidh $60.4 a thoirt do USAID – buidheann nan SA airson Leasachadh Eadar-nàiseanta airson 75 miseanan ann an còrr is 70 dùthaich le Siria, Iemen agus Ugràin nam measg.