Buaidh chruinneil nan SADè na tha de bhuaidh armailteach aig na SA?

Tha na SA nam mòr-chumhachd chruinneil. Ach bho thòisich Sìona a' sìor fhàs cumhachdach, tha sin na dhùbhlan dha na SA a-nis.

Part ofNuadh-eòlasCumhachdan an t-saoghail: Na Stàitean Aonaichte

Dè na tha de bhuaidh armailteach aig na SA?

'S e na SA an nàisean armailteach as cumhachdaiche air aghaidh na talmhainn agus tha cumhachd mhòr eadar-nàiseanta aca tron arm aca.

Ann an 2022, b' e na SA fhathast an aon mhòr-chumhachd armailteach air an t-saoghal:

  • Bidh iad a' cosg còrr is trian (39%) dhen chosgais gu lèir airson dìon an t-saoghail
  • Chosg na SA $877 billean air dìon ann an 2022 agus bha sin 10 uiread na chosg an ath 10 dùthchannan gu lèir
  • Ged as e na SA as motha a tha a' cosg air dìon le billeanan dholairean, chan iad as motha a tha a' cosg mar cheudad de GDP nach eil ach mu 3.1%

Tha an nèibhidh as motha air an t-saoghal aig na SA leis a' bhathar-cruaidh teicneòlasach as adhartaiche a th' ann. Tha nèibhidh nan SA cho mòr agus gun urrainn dhi a bhith an làthair am bad sam bith air an t-saoghal.

Dè th' ann an AUKUS?

San t-Sultain 2021, chaidh na SA an sàs ann an aonta tèarainteachd ùr cuide ris an RA agus Astràilia ris an canar AUKUS. Leigidh seo le Astràilia bàtaichean-aigeil a thogail le cumhachd niuclasach, a' cleachdadh teicneòlas bho na SA. Bheir seo cuideachd dha na SA a bhith an làthair anns a' Chuan Shèimh.

Cò an dùthaich aig a bheil an dara buaidh as motha?

'S e Sìona an dùthaich a tha a' cosg an dara sùim as motha air dìon. Ann an 2022, chosg Sìona $292 billean air an arm, an nèibhidh agus na feachdan adhair. B' e 4.2% dhen GDP a bha seo. Gu lèir, thàinig 13% de chosgais iomlan air dìon an t-saoghail bho Shìona.