Buaidh chruinneil nan SAObair nan SA air feadh an t-saoghail

Tha na SA nam mòr-chumhachd chruinneil. Ach bho thòisich Sìona a' sìor fhàs cumhachdach, tha sin na dhùbhlan dha na SA a-nis.

Part ofNuadh-eòlasCumhachdan an t-saoghail: Na Stàitean Aonaichte

Obair nan SA air feadh an t-saoghail

Tha na SA air a' chumhachd armailteach aice a chleachdadh ann a bhith a' leantainn a h-ùidhean ann an diofar phàirtean dhen t-saoghal.

Cleas iomadh dùthaich eile, nì na SA ge bith dè tha iad a' smaoineachadh as fheàrr dhaibh fhèin, a dh'aindeoin dè bhios na DA no an còrr dhen t-saoghal a' smaoineachadh.

Corra uair cha tug na SA feart dha na DA agus na modhan co-dhùnaidh aca. Mar eisimpleir, tha na SA air taic a thoirt gu cunbhalach do dh'Israel a thaobh a' chogaidh ann an Gaza a dh'aindeoin càineadh eadar-nàiseanta air an dòigh anns a bheil an Fheachd Dìon Israelach air an cogadh a stiùireadh ann an Gaza. (Stòr: BBC News)

Ach, mar as trice, bidh na SA ag obrachadh taobh a-staigh pròiseasan co-dhùnaidh Comhairle Tèarainteachd nan DA, mar eisimpleir, a' cur taic ri molaidhean a' UN deireadh 2023 a dhaingnich co-obrachadh eadar-nàiseanta thairis air Libia agus Somàilia.

Taiwan agus Muir Shìona a Deas

Tha frionas air a bhith eadar na SA agus Sìona a thaobh Taiwan agus Muir Shìona a Deas.

Ged nach eil a' mhòr-chuid de dhùthchannan an t-saoghail a' faicinn Taiwan mar dhùthaich neo-eisimeileach, tha i air a bhith ag obrachadh air leth bho Shìona agus na Comannaich bho 1949. An-diugh, 's e deamocrasaidh ùr-nodha a th' ann an Taiwan le a bun-reachd fhèin. Gu cudromach, tha i a' faighinn taic mhòr bho na SA agus tha na SA a' gealltainn taic do Taiwan ma thèid ionnsaigh a thoirt oirre.

Ged a tha ceanglaichean malairt agus cultarail làidir aig Taiwan agus Sìona, tha barrachd neart armailteach aig Sìona agus, barrachd is barrachd, tha i air a bhith ag iarraidh Taiwan a thilleadh gu bhith fo smachd tìr-mòr Shìona. Tha Sìona a' faicinn Taiwan mar roinn neo-dhligheach a bhris air falbh. Anns na bliadhnaichean mu dheireadh, tha Sìona air a bhith a' sìor dhèanamh eacarsaichean armailteach mu chuairt Taiwan agus tha iad sin ag amas air cuideam a chur air riaghaltas Taiwan. Tha Sìona a' cumail a-mach gu bheil i ag iarraidh ath-aonachadh sìtheil, ach cha tuirt iad nach cleachdadh iad ainneart armailteach airson ath-aonachadh.

Seachad air Taiwan agus gu deas, tha farsaingeachd mhòr Muir Shìona a Deas. Le crìochan dhùthchannan mar na Philippines, Bhietnam agus Mailèisia ann, tha pailteas èisg ann an uisgeachan Muir Shìona a Deas agus tha mèinnearaich fodha.

Tha còmhstri air a bhith eadar Sìona agus a nàbaidhean mu iasgach agus mu stòrasan mhèinnearach ann am Muir Shìona a Deas o chionn bhliadhnaichean. A-rithist, mar a tha Sìona air fàs nas làidire agus ceannsachail thaobh armachd, tha iad air barrachd thagraidhean a dhèanamh airson nan eileanan fàs anns na cuantan aca. Tha seo air còmhstri adhbharachadh ris na nàbaidhean aca agus ris na SA. Chan eil iadsan airson gum bi barrachd buaidh aig Sìona anns a' phàirt seo dhen t-saoghal.

'S e aon dhe na rudan a tha a' dèanamh dragh eadar na SA agus Sìona grunn eileanan a tha Sìona air a thogail ann am Muir Shìona a Deas. Tha na h-eileanan seo, am beachd nan SA, ann an uisgeachan eadar-nàiseanta agus tha plèanaichean leis na SA air a bhith a' sgèith thairis air na h-eileanan gu cunbhalach airson seo a dhaingneachadh. Air an làimh eile, tha na Sìonaich tric air rabhadh a thoirt do phlèanaichean nan SA cumail air falbh. Le uiread de bhàtaichean agus de phlèanaichean anns an sgìre fo chòmhstri, tha eagal ann gun tachair gnothach eadar-nàiseanta a dh’fhaodadh fàs mòr gu math luath.

Iemen

Tha na SA air cumhachd armailteach a chleachdadh airson ionnsaighean a thoirt air Houthis ann an Iemen le taic bho Iran. Mar fhreagairt do dh'ionnsaighean air luingeas eadar-nàiseanta anns a' Mhuir Ruadh bho Iemen, sgrios na SA agus dùthchannan caidreabhail eile iomadh ionad armailteach. Tha eagal ann gum faodadh barrachd còmhstri a bhith anns an Ear Mheadhanach air sgàth na tha na SA a’ dèanamh.

Dùbhlain cruinneil eile

Tha dùbhlain ann an àitichean eile air an t-saoghal ro na SA a thaobh an t-suidheachaidh làidir aca.

  • Tha Iran fhathast a' leantainn clàr-gnothaich an aghaidh Ameireaga/an Iar le bhith a' toirt taic do bhuidhnean a tha na SA agus an RA air aithneachadh mar bhuidhnean ceannairc. Tha uallach ann gu bheil Iran fhathast a' feuchainn ri buill-airm niuclasach a chruthachadh a dh'aindeoin smachd-bhannan eadar-nàiseanta le na SA air an ceann.
  • Mar stàit niuclasach, tha Coiria a Tuath na dùbhlan dìreach dha na SA. A dh'aindeoin smachd-bhannan o chionn fhada agus iomadh rabhadh mu bhith a' toirt prògram niuclasach air adhart, tha Coiria a Tuath fhathast a' dol an aghaidh nan SA. Ged a bha treiseag ann an 2019, nuair a bha Trump na Cheann-suidhe, a choinnich ceannard Ameireaga agus ceannard Choiria a Tuath, Kim Jong Un, air crìoch Choiria a Tuath agus a Deas, 's fhada bho sguir an co-obrachadh sin. Ann an 2024, tha an Ceann-suidhe Biden gu math soilleir nam feuchadh Coiria a Tuath ri buill-airm niuclasach a chleachdadh, gun deidheadh ceannardas Choiria a Tuath a sgrios.