Buaidh chruinneil nan SANa SA agus na Dùthchannan Aonaichte

Tha na SA nam mòr-chumhachd chruinneil. Ach bho thòisich Sìona a' sìor fhàs cumhachdach, tha sin na dhùbhlan dha na SA a-nis.

Part ofNuadh-eòlasCumhachdan an t-saoghail: Na Stàitean Aonaichte

Na SA agus na Dùthchannan Aonaichte

Tha na Stàitean Aonaichte nam ball stèidheachaidh agus cudromach dhe na Dùthchannan Aonaichte (UN).

  • Tha iad air aon dhe na còig buill mhaireannach (P5) air Comhairle Tèarainteachd nan DA a' toirt veto dha na SA air molaidhean Comhairle Tèarainteachd a' UN
  • 'S iad as motha a tha a' cur ri buidseat nan DA, timcheall air còigeamh dhen t-sùim iomlan
  • Tha prìomh-oifisean nan DA ann an New York

Ged a tha na SA nam ball cudromadh dhe na DA, chan eil an dàimh an-còmhnaidh air a bhith furasta. Sa mhòr-chuid de bhliadhnaichean, cha do phàigh na SA an t-sùim gu lèir a bu chòir dhaibh.

Trump agus a' UN

Nuair a bha Trump na Cheann-suidhe eadar 2016 agus 2020, bha e tric a' càineadh a' UN, gu h-àraidh co-cheangailte ris na bha na SA a' toirt dhaibh de dh'airgead. Chàin Trump cuideachd Buidheann Slàinte na Cruinne (WHO) a bha esan dhen bheachd a bha fo smachd Shìona.

Biden agus a' UN

Tha an Ceann-suidhe Biden (2020-24) nas taiceile dha na Dùthchannan Aonaichte agus tha e a' faicinn a' UN mar fhòram a bhrosnaicheas deamocrasaidh agus còraichean daonna air feadh an t-saoghail. Ann an 2021, chaidh na SA dhan WHO a-rithist.