Buaidh chruinneil nan SABuidheann Còrdadh an Atlantaig a Tuath (NATO)

Tha na SA nam mòr-chumhachd chruinneil. Ach bho thòisich Sìona a' sìor fhàs cumhachdach, tha sin na dhùbhlan dha na SA a-nis.

Part ofNuadh-eòlasCumhachdan an t-saoghail: Na Stàitean Aonaichte

Buidheann Còrdadh an Atlantaig a Tuath (NATO)

'S e na SA a' phrìomh chumhachd sa chòrdadh armailteach as cumhachdaiche air an t-saoghal.

Tha na SA air a bhith nam prìomh bhall de Bhuidheann Còrdadh an Atlantaig a Tuath (NATO) bho chaidh a stèidheachadh ann an 1949. 'S e NATO an còrdadh armailteach as motha agus as cumhachdaiche air an t-saoghal. Nan seasamh aonaichte, tha e na chlach-stèidh aig dìon NATO gum bi ionnsaigh air aon dùthaich a tha na ball na ionnsaigh orra uile. Bho 2024, tha 31 dùthchannan nam buill de NATO le Fionnlainn a' dol na ball ann an 2023.

'S e am beachd a th' ann gu bheil na buill uile co-ionann anns a' bhuidheann, far a bheil aon bhòt aig gach dùthaich ann an co-dhùnaidhean. Ach 's e an rud gur e na SA am prìomh bhall de NATO. Tha iad a' cur barrachd fheachdan, goireasan agus airgead a-steach ann na tha aon bhall eile dhen aonta. Mar sin, 's i an dùthaich as comasaiche air clàr-obrach NATO a shuidheachadh. Mar eisimpleir, thathar ag ràdh gu bheil na SA air cuideam a chumail air dùthchannan Eòrpach iad smaoineachadh air NATO a leudachadh dhan ear.

Anns na bliadhnaichean mu dheireadh, tha na SA cuideachd air feuchainn ri toirt air buill eile de NATO barrachd uallaich a ghabhail airson an dìon fhèin agus barrachd airgid a chur ri maoin NATO. 'S e 2% de GDP an targaid a tha aig buill de NATO airson a chosg air dìon. Nuair a bha Donald Trump na Cheann-suidhe, bha e an-còmhnaidh ag iarraidh air ceannardan Eòrpach gealltainn barrachd a chosg air dìon agus e a' maoidheadh tarraing a-mach à NATO ann an 2020. Bhon ionnsaigh a thug an Ruis air Ugràin ann an 2022, tha a' mhòr-chuid de dhùthchannan na Roinn Eòrpa air barrachd a chosg air dìon.

Tha an Ceann-suidhe Biden air feuchainn ri dèanamh cinnteach gum fuirich caidreachas NATO aonaichte, gu h-àraidh le ionnsaigh na Ruis air Ugràin. Tha na SA cuideachd a' cur feum air NATO oir tha e a' leigeil leis na SA dèiligeadh ri iomadh cunnart doirbh dhan tèarainteachd aca cuide ri dùthchannan eile a tha a' toirt taic do luachan deamocratach. Mar phàirt de NATO, tha na SA nas làidire.

Ugràin

Ann an 2022, 's e an ionnsaigh air Ugràin a' cheist eadar-nàiseanta as motha dha na SA.

Chan eil Ugràin na ball de NATO, agus mar sin, chan eil e mar fhiachaibh air a' chòrdadh a dìon. Ach ge-tà, tha i na dùthaich "chompàirteachail" – tha tuigse ann gum bi iad nam ball uaireigin san àm ri teachd.

Tha cuid de dhùthchannan NATO air a bhith a' cur bhuill-airm a dh'Ugràin airson an cuideachadh gan dìon fhèin an aghaidh na Ruis. San Fhaoilleach 2024, bha na SA leotha fhèin air còrr is $75 billean de thaic a thoirt do Ugràin ann an taic dhaonnachdail, ionmhasail agus armailteach.

Tha na SA agus iomadh dùthaich eile air a bhith ag obair airson smachd-bhannan a chur air a' Cheann-suidhe Putin, a charaidean agus an Ruis. Deireadh 2023, mhol na SA plana airson $300 billean de mhaoin na Ruis a phionndadh.

Na sheasamh gu daingeann ri taobh Ceann-suidhe Ugràin Volodymyr Zelensky ann an 2023 ann an Lituània, thuirt an Ceann-suidhe Biden nuair a bhiodh an cogadh seachad gur ann taobh a-staigh NATO a bhiodh àite Ugràin.

Feumaidh na SA agus buill eile de NATO co-dhùnaidhean doirbh a dhèanamh air dè na bheir iad do thaic do Ugràin ach aig an aon àm gun na feachdan armaichte aca tighinn gu còmhstri dhìreach ris an Ruis.

Taobh a-staigh nan SA, chaidh maill a chur air tuilleadh maoin agus cobhair armailteach agus le luchd-poilitigs Poblachdach a tha an aghaidh nam planaichean aig a' Cheann-suidhe Deamocratach, Biden. A-muigh ag iomairt agus e airson tilleadh na Cheann-suidhe, thuirt Donald Trump gum b' urrainn dha stad a chur air a' chogadh ann an 24 uairean a thìde agus dh'fhaodadh sin a bhith a' ciallachadh stad a chur air taic nan SA do Ugràin.