Siostam poilitigeach nan SADè an àireamh-sluaigh a tha anns na SA?

Tha siostam poilitigeach nan SA stèidhichte air bun-reachd na dùthcha. Tha cumhachd air a sgaradh ann an diofar mheuran dhen riaghaltas airson a bhith cinnteach nach eil cus cumhachd aig duine sam bith. 'S e na Poblachdaich agus na Deamocrataich an dà phrìomh phartaidh poilitigeach.

Part ofNuadh-eòlasCumhachdan an t-saoghail: Na Stàitean Aonaichte

Dè an àireamh-sluaigh a tha anns na SA?

'S e dùthaich le iomadh diofar bhuidhnean dhaoine a th' anns na Stàitean Aonaichte.

Bha Biùro Cunntas-sluaigh nan SA a' tuairmeas gun robh àireamh-sluaigh nan SA aig 334.21 millean air 1 Faoilleach 2023. Tha àireamh-sluaigh nan SA a' sìor fhàs agus tha dùil gun ruig e mu 374 millean ann an 2050.

Ceudad na h-àireimh-sluaigh a rèir buidheann eitnigeach

Aig cunntas-sluaigh nan SA ann an 2022 (stèidhichte air 1 Iuchar 2022), b' e an ceudad dhen àireimh-sluaigh a rèir buidheann eitnigeach:

  • geal - 75.5% (nam measg 19.1% de dh'Ameireaganaich a thuirt gun robh iad Iospàinnteach no Latino*)
  • dubh no Afraganach Ameireaganach – 13.6%
  • Innseanach Ameireaganach agus Tùsanach Alasga – 1.3%
  • Àisianach – 6.3%
  • Tùsanach Hawaii agus Eileanaich Eile a' Chuain Shèimh – 0.2%
  • dà chinneadh no barrachd – 3.0%

*Tha Cunntas-sluaigh nan SA ag ràdh gu bheil Iospàinnteach no Latino a' ciallachadh cuideigin bho thùs no cultar Ciùbanach, Meagsaganach, Puerto Rican, Ameireaga a Deas no Meadhan Ameireaga, no tùs no cultar Spàinnteach sam bith eile a dh'aindeoin an cinnidh. Tha seo a' ciallachadh gum bi daoine a tha gan aithneachadh fhèin mar Iospàinnteach, no Latino, anns na buidhnean gu h-àrd. Bha mu 19.1% de dh'Ameireaganaich gan aithneachadh fhèin mar Iospàinntich ann an 2023.

Treandan ann an àireamh-sluaigh nan SA

Tha àireamh-sluaigh nan SA a' fàs gu cunbhalach bliadhna às dèidh bliadhna. Anns an àm ri teachd, tha Biùro Cunntas-sluaigh nan SA dhen bheachd gun atharraich cothromachadh nan diofar bhuidhnean cinnidh gu mòr ro 2060.

Ann an 2020, rinn Biùro Cunntas-sluaigh nan SA an tuairmse a leanas:

  • gun tuiteadh an àireamh-sluaigh gheal, Ameireaganach, neo-Iospàinnteach gu mu 44.3% de dh'àireimh-sluaigh nan SA gu lèir
  • dheigheadh àireamh nan Ameireaganach Iospàinnteach suas gu mu 27.5%
  • ann an 2060, bhiodh an àireamh-sluaigh gu lèir a' gabhail a-steach:
    • 15% Ameireaganaich dhubha
    • 8.2% Ameireaganaich Àisianach
    • 1.5% Tùsanaich Ameireaganach agus bho Eileanan a' Chuain Shèimh