Siostam poilitigeach nan SACò na prìomh phartaidhean poilitigeach anns na SA?

Tha siostam poilitigeach nan SA stèidhichte air bun-reachd na dùthcha. Tha cumhachd air a sgaradh ann an diofar mheuran dhen riaghaltas airson a bhith cinnteach nach eil cus cumhachd aig duine sam bith. 'S e na Poblachdaich agus na Deamocrataich an dà phrìomh phartaidh poilitigeach.

Part ofNuadh-eòlasCumhachdan an t-saoghail: Na Stàitean Aonaichte

Cò na prìomh phartaidhean poilitigeach anns na SA?

'S e am Partaidh Deamocratach agus am Partaidh Poblachdach an dà phrìomh phartaidh poilitigeach anns na SA.

Dealbh le fiosrachadh mun dà phrìomh phartaidh phoilitigeach ann an Ameireaga, am Partaidh Poblachdach agus am Partaidh Deamocratach

Poblachdaich

'S e am Partaidh Poblachdach no na Poblachdaich am partaidh poilitigeach as sine anns na SA agus tha e consearbhatach a thaobh na h-eaconamaidh. Gu traidiseanta, tha iad a' seasamh airson gnothachas, riaghaltas beag agus cìsean ìosal.

Tha taic làidir aig a' Phartaidh Phoblachdach am measg luchd-bhòtaidh Chrìosdail gheal, le mòran dhiubh an aghaidh chuspairean libearalach mar còraichean casg-bhreith agus pòsadh aon-ghnè. Tha mòran de luchd-bhotaidh a' Phartaidh Phoblachdaich a' fuireach ann an stàitean meadhain nan SA/Meadhan-an-iar (me Iowa, Montana no Nebraska) agus ann an ceann a deas nan SA ann an stàitean mar Texas, Mississippi no Louisiana. Bha an luchd-bhotaidh a bu shine dìreach beagan na bu bhuailtiche a bhith a' toirt taic do Trump seach Biden.

Ann an taghaidhean Ceann-suidhe nan SA ann an 2020, chaill an Ceann-suidhe Poblachdach Donald Trump an aghaidh Joe Biden bhon Phartaidh Dheamocratach. Ach fhuair Trump barrachd bhòtaichean bho luchd-bhòtaidh geal agus na bu shine na fhuair Joe Biden. (Stòr: BBC News)

An dèidh taghaidhean meadhan-ùine nan SA ann an 2022, fhuair am Partaidh Poblachdach smachd air Taigh nan Riochdairean le 222 luchd-mòr-dhail seach 213 aig a' Phartaidh Dheamocratach. (Stòr: BBC News)

Deamocrataich

Tha am Partaidh Deamocratach, no na Deamocrataich, san fharsaingeachd buailteach a bhith libearalach mu chùisean sòisealta do bheag-bhuidhnean, casg-breith agus cuideachadh do dhaoine bochda. A thaobh na h-eaconamaidh, tha Deamocrataich nas buailtiche a bhith a' creidsinn ann an dreuchd nas motha dhan riaghaltas anns an eaconamaidh, mar eisimpleir ann a bhith a' toirt àrachas slàinte.

Tha na h-aonaidhean ciùird ann an Ameireaga nam bunait làidir dha na Deamocrataich, a tha nas buailtiche taic a thoirt do chòraichean luchd-obrach agus do chùisean mar an tuarastal nàiseanta as ìsle.

Canar "libearalaich" ri Ameireaganaich a tha taiceil dhan àrainneachd, an aghaidh cogadh, a' toirt taic do chòir boireannaich casg-breith a thaghadh agus a tha taiceil do phòsadh aon-ghnèitheach.

Ann an taghadh a' Chinn-suidhe anns na SA ann an 2020, fhuair an Deamocratach Joe Biden barrachd bhòtaichean bho bhoireannaich, bho bheag-bhuidhnean (bhòt 87% de dh'Ameireaganaich dhubha airson Biden), luchd-bhòtaidh nas òige agus feadhainn le ìre foghlaim nas àirde na fhuair am Poblachdach, Trump. (Stòr: BBC News)

Tha e buailteach gum bi barrachd luchd-taic aig a' Phartaidh Dheamocratach ann an stàitean anns a bheil bailtean mòra mar New York, agus cuideachd ann an stàitean New England. Tha taic làidir aig na Deamocrataich cuideachd air taobh an Iar nan SA ann an stàitean mar California, Oregon agus Stàit Washington.

An dèidh taghaidhean na meadhan-ùine anns na SA ann an 2022, fhuair am Partaidh Deamocratach làn smachd air an t-Seanadh le 21 Seanadair an taca ri 49 aig a' Phartaidh Phoblachdach.