Siostam poilitigeach nan SACiamar a bhios saoranaich nan SA a' gabhail pàirt ann am poilitigs?

Tha siostam poilitigeach nan SA stèidhichte air bun-reachd na dùthcha. Tha cumhachd air a sgaradh ann an diofar mheuran dhen riaghaltas airson a bhith cinnteach nach eil cus cumhachd aig duine sam bith. 'S e na Poblachdaich agus na Deamocrataich an dà phrìomh phartaidh poilitigeach.

Part ofNuadh-eòlasCumhachdan an t-saoghail: Na Stàitean Aonaichte

Ciamar a bhios saoranaich nan SA a' gabhail pàirt ann am poilitigs?

Tha iomadh cothrom aig Ameireaganaich pàirt a ghabhail ann am poilitigs.

Baidsean taghaidh phartaidhean poilitigeach nan SA

'S e deamocrasaidh a th' anns na SA. Faodaidh saoranaich nan SA pàirt ghnìomhach a ghabhail ann an dèanamh cho-dhùnaidhean anns na SA. Faodaidh sin a bhith aig ìre fheadaralach, stàite no ionadail.

Tha iomadh dòigh ann sam faod Ameireaganaich pàirt a ghabhail ann an co-dhùnaidhean poilitigeach:

  • tagraichean ainmeachadh airson ruith airson oifis phoblach
  • bhòtadh airson nan tagraichean a chaidh ainmeachadh
  • seasamh mar thagraiche aig ìre ionadail (àrd-bhàillidh), ìre stàite (riaghladair stàite) no aig ìre nàiseanta (seanadair)
  • cuspairean a chur air adhart airson referendum (’s dòcha airson lagh atharrachadh, mar eisimpleir airson dìon àrainneachd a leasachadh ann an stàit)
  • a dhol an sàs ann am buidheann ùidhe (iomairt) ionadail, mar eisimpleir, Iomairt Bhrady gus Bacadh a chur air Ainneart Ghunnaichean