Buaidh chruinneil nan SAComhairle Tèarainteachd nan Dùthchannan Aonaichte

Tha na SA nam mòr-chumhachd chruinneil. Ach bho thòisich Sìona a' sìor fhàs cumhachdach, tha sin na dhùbhlan dha na SA a-nis.

Part ofNuadh-eòlasCumhachdan an t-saoghail: Na Stàitean Aonaichte

Comhairle Tèarainteachd nan Dùthchannan Aonaichte

Tha na SA air aon dhe na còig buill mhaireannach air Comhairle Tèarainteachd nan Dùthchannan Aonaichte.

Dè th' ann an Comhairle Tèarainteachd nan Dùthchannan Aonaichte?

'S e Comhairle na Tèarainteachd a' phàirt dhe na DA air a bheil an t-uallach airson sìth a dhèanamh, agus a chumail, a bharrachd air smachd-bhannan eadar-nàiseanta. Mar bhall maireannach de Chomhairle na Tèarainteachd, tha dreuchd chudromach aig na DA.

Cò na buill a th' ann an Comhairle Tèarainteachd nan Dùthchannan Aonaichte?

Tha còig buill mhaireannach air a' Chomhairle (Na SA, Sìona, Caidreachas na Ruis, An Fhraing, An RA). Tha a' chumhachd aca bhòtadh an aghaidh, agus gu deabh bacadh, no veto, a chur air, moladh sam bith a chuireas Comhairle na Tèarainteachd air adhart.

Co-dhùnaidhean nan SA taobh a-staigh Comhairle Tèarainteachd nan Dùthchannan Aonaichte

Tha na SA air a' veto aca a chleachdadh grunn thursan anns na bliadhnaichean mu dheireadh. Gach turas, tha iad air bhòtadh an aghaidh mholaidhean co-cheangailte ri Israel agus Palestinianaich, agus nam measg a' veto anns an Dùbhlachd 2023 a thaobh na h-èiginn ann an Gaza.

Uaireannan, tha na SA air co-dhùnaidhean taobh a-staigh Comhairle na Tèarainteachd fhaighinn doirbh, no na chosg tìde. Tha an Ruis agus Sìona cuideachd nam buill mhaireannach agus tha iad air a' veto aca a chleachdadh gu math tric airson stad a chur air molaidhean nan SA. O chionn ghoirid, tha an Ruis air a' veto a chleachdadh air rùintean mun chòmhstri ann an Siria agus an Ugràin. Mar eisimpleir, ann an 2022, chuir an Ruis veto air dà mholadh bhon Chomhairle Thèarainteachd a bhiodh airson feachdan Ruiseanach a tharraing a-mach à Ugràin agus nach bu chòir an sealbh-ghlacadh air tìrean Ugràin aithneachadh.