Buaidh chruinneil nan SANa SA agus buidhnean G7 agus G20

Tha na SA nam mòr-chumhachd chruinneil. Ach bho thòisich Sìona a' sìor fhàs cumhachdach, tha sin na dhùbhlan dha na SA a-nis.

Part ofNuadh-eòlasCumhachdan an t-saoghail: Na Stàitean Aonaichte

Na SA agus buidhnean G7 agus G20

Tha ballrachd ann am buidhnean eaconamach an G7 agus an G20 a' toirt cothrom eile dha na SA buaidh a thoirt air dùthchannan eile.

Dè th' anns an G7?

'S e forum a th' anns an G7 do dh', mòra airson còmhradh mu phoileasaidhean agus an co-òrdanachadh, coimhead ri dùbhlain chruinneil agus co-obrachadh eadar-nàiseanta a bhrosnachadh. Is iad na buill Canada, An Fhraing, A' Ghearmailt, An Eadailt, Iapan, an Rìoghachd Aonaichte agus na Stàitean Aonaichte.

Dè th' anns an G20?

Tha an G20 na fhorum cruinneil de 19 dùthchannan fa leth agus an t-Aonadh Eòrpach. Bidh ceannardan bho dhùthchannan a tha nam buill a' coinneachadh gach bliadhna airson bruidhinn air beachdan agus airson co-obrachadh air fuasglaidhean airson fàs agus seasmhachd eaconamach, chruinneil.

Ciamar a tha na SA air a bhith an sàs anns na buidhnean G7 agus G20?

'S e na SA a' phrìomh chumhachd ann am buidheann nàiseanan an G20/G7. B' e na 7 no 20 nàisean sin na dùthchannan a dh'adhbharaich 30% no 75% de bheairteas an t-saoghail ann an 2022.

Bidh coinneamh an G7 ann an 2024 ann am Puglia san Eadailt agus bidh an G20 ann an Rio, Brasil.

Bidh coinneamhan cheannardan nan dùthchannan G7 agus G20 a' toirt cothrom dha na SA, agus do bhuill eile dhen bhuidheann, ceanglaichean eaconamach nas dlùithe a thogail airson malairt a leudachadh. Cuideachd, tha e a' toirt fòram eile dha na SA airson còmhradh mu chùisean cruinneil mar:

  • cùisean àrainneachdail
  • ceannairc
  • còmhstri
  • bochdainn

Ann an 2014, chaidh ballrachd na Ruis anns an G8 (a thàinig gu bhith nan G7) a chasg nuair a ghabh an Ruis thairis Peninsula Chrimea bho Ugràin. Ach le ionnsaigh na Ruis air Ugràin ann an 2022, thug na nàiseanan G7, a tha gu mòr air taobh Ugràin, a-steach smachd-bhannan eaconamach gus bacadh a chur air malairt na Ruis agus gus an eaconamaidh aice a lagachadh. Mar a tha an cogadh ann an Ugràin air a dhol air adhart, tha buill dhen bhuidheann G7 air taic a thoirt do Ugràin a thaobh airgead agus armachd an aghaidh na Ruis. Mu dheireadh 2023, bha buill an G7 cuideachd a' coimhead air dòighean air suas ri $300 billean de mhaoin na Ruis a phionndadh gus barrachd lagachaidh a thoirt air an Ruis.

Tha amasan G20 gu math coltach ri amasan G7 ach gu bheil 13 ball a bharrachd ann a tha a' nochdadh mar a tha dùthchannan mar na h-Innseachan, Brasil agus Indonìsia a' sìor fhàs cudromach a thaobh na h-eaconamaidh aca.

Build Back Better World (B3W)

Ann an 2021, dh'ainmich ceannardan G7 aig co-labhairt anns an RA plana ùr gus strì an aghaidh buaidh eaconamach, chruinneil Shìona a bha a' sìor dhol am meud. Tha am plana seo, Build Back Better World (B3W), ag amas air taic nas fheàrr do dhùthchannan fo leasachadh le bhith a' tairgsinn maoin airson pròiseactan bun-structair mar rathaidean, rèile agus puirt-adhair a bhios a' toirt nan dùthchannan a thèid an sàs ann nas dlùithe air nàiseanan an G7.